Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgoilearan Bhaile nan Granndach a' Buain Còinnich airson Cuideachadh a' Chogaidh
EXTERNAL ID
PC_GM4_SCHOOL_004
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
DEIT
1918
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
23069
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
sgoilearan
leigheas
Grantown Pupils Gathering Moss for the War Effort

'S ann o thasglann Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach a thàinig an dealbh-camara deatamach seo leis an tiotal, 'Moss Gatherers', agus chithear ann buidheann de bharrachd air 40 sgoilear o Sgoil Ghràmair Bhaile nan Granndach, agus tidsear agus ceannard na sgoile, R.D. MacillFhialain, nan cois.

Tha an dealbh a' comharrachadh obair a rinn na sgoilearan eadar 1915 agus 1918 a' buain còinneach dhearg airson Cuideachadh a' Chogaidh.

Aig àm a' Chiad Chogaidh chaidh còinneach dhearg a chleachdadh an àite cotan aotrom airson lotan a chòmhdach. Bha feum mhòr air stuth còmhdaich lotan sa chogadh agus bha cotan daor agus gann. Ghabhadh còinneach dhearg, a bha air leth sùghach agus a bha a' fàs gu pailt ann an iomadh sgìre ann am Breatainn, a chleachdadh an àite cotain. Bha a' chòinneach air leth pailt air a' Ghàidhealtachd agus bha àireamh mhòr de bhoireannaich is de chlann an sàs sa chruinneachadh mar phàirt de chuideachadh a' chogaidh

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgoilearan Bhaile nan Granndach a' Buain Còinnich airson Cuideachadh a' Chogaidh

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1910an

sgoiltean; foghlam; sgoilearan; leigheas

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection