Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buain na Rainich
EXTERNAL ID
HC_FM_CD1_12
DEIT
2006
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Kenneth MacLeod
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caidreachas Òran Màiri Mhòr
AITHNEACHADH MAOINE
2326
KEYWORDS
òrain
òrain-ghaoil
claistinneach

Get Adobe Flash player

A rèir aithris, chaidh an t-òran seo a sheinn le sìthiche a thuit an gaol le tè ris an do thachair e fhad 's a bha e a-muigh a' buain na rainich. Nuair a chuala an teaghlach aice mu dheidhinn seo chuir iad fo ghlais i agus ghabh an sìthiche tùrsach an t-òran mar thuireadh.

'S e fonn aosta a tha an seo ach chaidh mòran de na faclan a dhèanamh le Coinneach MacLeòid a bhiodh ag obair le Marsaili nan Òran a thrus an t-òran seo. Tha cruth fad nas luathe aca air an òran ann an Ceap Breatainn, air a bheil fèill fhathast.

Tha an t-òran air a sheinn an seo le Fiona J NicCoinnich, an tè a bha roimhe na Caidriche Òrain Màiri Mhòir (2002-09). Chaidh Obair an Òranaiche a stèidheachadh ann an 2002 gus ùidh ann an òrain Ghàidhlig a bhrosnachadh agus gus goireas a thoirt do dhaoine a bha ag iarraidh fiosrachaidh mu chàil sam bith ceangailte ri òrain Ghàidhlig.

'S e banaltram à Sgèabost an Eilein Sgitheanaich a bh' ann am Màiri Mhòr nan Òran (Màiri Nic a' Phearsain.) Rinn i tòrr òran an dèidh aois 50 anns a bheil òrain-mrich, òrain-mholaidh agus òrain shuigeartach a bharrachd air òrain a thog gearan mun dòigh san deach dèiligeadh ris na Gaidheil

Seo faclan an òrain:

Sèist:
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich, buain na rainich
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich daonnan

'S tric a bha mi fhìn 's mo leannan
Anns a' ghleannan cheothar
'G èisteachd còisir bhinn an doire
Seinn sa choille chòmhail;

'S bochd nach robh mi leat a-rithist
Sinn a bhitheadh ceòlmhor,
Rachainn leat gu cùl na cruinne,
Air bhàrr tuinne a' seòladh.

Ciod am feum dhomh bhi ri tuireadh?
Dè ni tuireadh dhomhsa
'S mi cho fada o gach duine
B' urrainn tighinn gam chòmhnadh?

Tha Fiona NicCoinnich, neach-obrach Caidreachas Mairi Mhòr aig Comhairle na Gàidhealtachd, air leabhar ùr, 'Orain nan Rosach,' fhoillseachadh le 30 òran Gàidhlig à Siorrachd Rois. Seo a' chiad turas a bha a leithid seo de chruinneachadh ri fhaotainn. Tha fàradh-ciùil, teudan airson giotàr, eadar-theangachadh, notaichean mu na bàird agus dealbhan à Siorrachd Rois san leabhar. Bidh daoine eòlach air cuid dhe na h-òrain bho chèilidhean ach tha feadhainn eile ann air nach bi iad cho eòlach. Tha cuid dhiubh ùr agus cuid dhiubh sean. Bidh an leabhar seo air leth feumail do dhuine sam bith le ùidh ann an dualchas na Gàidhlig san sgìre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buain na Rainich

2000an

òrain; òrain-ghaoil; claistinneach

Caidreachas Òran Màiri Mhòr

Seinn! o ho ro Seinn! (CD)