Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Hì Hò Rò 's na Hò Rò Èile
EXTERNAL ID
HC_FM_CD2_04
DEIT
2006
LINN
2000an
CRUTHADAIR
John Maclean of Balemartin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caidreachas Òran Màiri Mhòr
AITHNEACHADH MAOINE
2328
KEYWORDS
òrain
òrain-ghaoil
bàird
claistinneach

Get Adobe Flash player

'S e seo aon den dà òran-gaoil a rinn Iain MacIlleathain à Baile Mhàrtainn ann an Tiriodh. Chaidh an t-òran seo a dhèanamh tro shùilean na mnà agus an t-òran eile, "A' Chailin Mhaiseach Donn' a dhèanamh tro shùilean an fhir.

Rugadh Iain MacIlleathain ann an 1827 agus chaochail e ann an 1895. A bharrachd air a bhith ri òrain-ghaoil, rinn e aoir cuideachd agus bha e an sàs ann an Strì an Fhearainn, gearan nan croitearan mu chòirichean-fearainn agus mu mhàl.

Tha an t-òran air a sheinn an seo le Fiona J NicCoinnich, an tè a bha roimhe na Caidriche Òrain Màiri Mhòir (2002-09). Chaidh Obair an Òranaiche a stèidheachadh ann an 2002 gus ùidh ann an òrain Ghàidhlig a bhrosnachadh agus gus goireas a thoirt do dhaoine a bha ag iarraidh fiosrachaidh mu chàil sam bith ceangailte ri òrain Ghàidhlig.

'S e banaltram à Sgèabost an Eilein Sgitheanaich a bh' ann am Màiri Mhòr nan Òran (Màiri Nic a' Phearsain.) Rinn i tòrr òran an dèidh aois 50 anns a bheil òrain-mrich, òrain-mholaidh agus òrain shuigeartach a bharrachd air òrain a thog gearan mun dòigh san deach dèiligeadh ris na Gaidheil

Seo faclan an òrain

Hi o rò 's na ho ro èile
Hi o rò 's na ho ro èile
Hi o rò 's na ho ro èile
Gur tu, mo luaidh rim bheò cha cheil mi

Nuair a bha mi 'm chaileig ghòraich
Thug mi gaol is gràdh don òigear
Aig a bheil a' phearsa bhòidheach
'S cha ghràdhaich mi rim bheò fear eile.

Do chùl dualach, cuachach, bòidheach
Falt do chin mar ite 'n loin-duibh
Do dhà ghruaidh air dhreach nan ròsan
Is iad fo dhealta ceò na maidne.

Ach tha mise 'n dùil 's an dòchas
Gun tig an là sam bi sinn còmhla
'S ma bhios tusa dìleas dhomhsa
Cha ghràdhaich mi rim bheò fear eile.

Tha Fiona NicCoinnich, neach-obrach Caidreachas Mairi Mhòr aig Comhairle na Gàidhealtachd, air leabhar ùr, 'Orain nan Rosach,' fhoillseachadh le 30 òran Gàidhlig à Siorrachd Rois. Seo a' chiad turas a bha a leithid seo de chruinneachadh ri fhaotainn. Tha fàradh-ciùil, teudan airson giotàr, eadar-theangachadh, notaichean mu na bàird agus dealbhan à Siorrachd Rois san leabhar. Bidh daoine eòlach air cuid dhe na h-òrain bho chèilidhean ach tha feadhainn eile ann air nach bi iad cho eòlach. Tha cuid dhiubh ùr agus cuid dhiubh sean. Bidh an leabhar seo air leth feumail do dhuine sam bith le ùidh ann an dualchas na Gàidhlig san sgìre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Hì Hò Rò 's na Hò Rò Èile

2000an

òrain; òrain-ghaoil; bàird; claistinneach

Caidreachas Òran Màiri Mhòr

Seinn! o ho ro Seinn! (CD)