- TIOTAL
- Carragh-cuimhne cogaidh, Baile nan Granndach
- EXTERNAL ID
- PC_GM_POSTCARDS_042_AT
- ÀITE
- Baile nan Granndach
- SIORRACHD/PARRAIST
- MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
- DEIT
- 2009
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Andrew Taylor
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Andrew Taylor
- AITHNEACHADH MAOINE
- 23295
- KEYWORDS
- carragh-cuimhne

Tha carragh-cuimhne cogaidh Bhaile nan Granndach suidhichte ann an Ceàrnag a' bhaile. Chaidh a dealbhadh le Alasdair Marshall MacCoinnich agus chaidh a foillseachadh gu h-oifigeil le Ban-iarla Seafield air 18 Sultain 1921.
Bha an t-ailtire Alasdair Marshall MacCoinnich stèidhichte ann an Obar Dheathain agus bha cliù aig a obair ann an ear thuath na h-Alba. Is dòcha gur e an obair a rinn e air Colaisde Marishal an Obar Dheathain an obair as ainmeil aige. Leudaich e a' cholaiste gu mòr eadar 1893 agus 1905. Dhealbhaich e Eaglais Chraichidh cuideachd. Chaidh an eaglais seo a thogail eadar 1893 agus 1895 agus bidh an teaghlach rìoghail ga frithealadh nuair a bhios iad ann am Baile Mhoireil.
Dhealbhaidh Marshall MacCoinnich iomadh togalach ann am Baile nan Granndach a' gabhail a-staigh Taigh-òsta Grant Arms agus a' chiad Sgoil Ghràmair Bhaile nan Granndach.