Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Bodach agus an t-Asal
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_001
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2330
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Am Bodach agus an t-Asal.

Oidhche rionnagach reòta bha am bodach a bha seo na shuidhe a-staigh leis fhèin anns a' bhothan bheag far an robh e a' fuireach. Suas ri meadhan-oidhch' cò thàinig gu doras a' bhothain ach asal a bhuineadh do thuathanach a bha faisg air làimh. Chuala am bodach am fuaim aig an doras agus dh' èirich e ga fhosgladh.

"Tha mi a' guidhe ort, a dhuine chòir," ars an t-asal, "leigeil dhomh mo cheann a chur a-steach air an doras agad, oir tha i cianail fuar a-muigh a-nochd."

"Làn dìth do bheatha," ars am bodach gu coibhneil agus chuir an t-asal a cheann a-steach air an doras. "'S dòcha gu faodainn m' amhaich a bhlàthachadh cuideachd," ars an t-asal an ceann greise.

"Gu dearbh 's tusa dh'fhaodas sin, " ars am bodach còir.

Cha b' fhada gus an robh an t-asal a' coimhead thuige 's bhuaithe air feadh a' bhothain, agus ars esan: "Chan eil mi an dùil nach biodh rùm gu leòr an seo dhomh fhìn airson mo chasan-toisich a thoirt a-steach."

"Ma thogras tusa nach fhaod thu sin a dhèanamh," ars am bodach gasta, agus e a' gluasad gus rùm a dhèanamh don asal, oir bha am bothan uabhasach beag.

"Nach eil e cheart cho math dhòmhsa seasamh a-staigh còmhla riut fhèin?" ars an t-asal an ceann greise. "Chan eil mi ach a' cumail an dorais fosgailte nam sheasamh an seo."

"Siuthad, siuthad, ma-tà," ars am bodach còir, "tha an oidhche nochd glè fhuar gun teagamh sam bith 's cha bu chòir do dhuine no do dh'ainmhidh a bhith a-muigh le aimsir dhen t-seòrsa seo. Tha truas mo chridhe agam riut fhèin 's tu cho fuar a-muigh an sin. Thig a-steach, a bhròinein." An sin a-steach don bhothan a ghabh an t-asal ach bha am bothan tuilleadh is beag don dithis aca.

"Tha mi a' faicinn," ars an t-asal, "nach eil rùm gu leòr an seo don dithis againne. Seach gur tu fhèin as lugha, ma-tà, nach fheàrr dhut seasamh a-muigh? Gheibh mise mar sin àite dhomh fhèin."

Cha do rinn an t-asal an sin ach am bodach bochd a phutadh a-mach 's cha d'fhuair e air ais don taigh aige fhèin gu madainn.

Ach bha e na bu ghlice an ath-oidhche!

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Bodach agus an t-Asal

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)