- TIOTAL
- Sreath Chairtean-puist "Greetings from Grantown on Spey"
- EXTERNAL ID
- PC_GM_POSTCARDS_048B
- ÀITE
- Seann Drochaid na Spè
- SGÌRE
- Crombail
- SIORRACHD/PARRAIST
- MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
- AITHNEACHADH MAOINE
- 23300
- KEYWORDS

Is e "The Old Spey Bridge tiotal na cairt-puist seo agus is e tè de sreath de shìa cairtean-puist air a bheil "Greetings from Grantown on Spey" a th' innte.
Tha Seann Drochaid na Spè suidhichte mu 1.5km deas air Baile nan Granndach. 'S ann à Clach-ghràin a tha an t-seann drochaid air a dèanamh agus chaidh a togail ann an 1754 leis a' Mhàidsear Uilleam Caulfield, neach-ionaid an t-Seanalair Wade, mar phàirt den rathad armailteach eadar Cùbar Aonghais agus Dùn Deòrsa. Tha na leanas gràbhailte air an drochaid: "AD 1754. 5 companies of the 33rd Regiment Colonel Charles Hay. Ended".
Bha Seann Drochaid na Spè ann mus deach an drochaid ùr a thogail. Chaidh an Drochaid Ùr a tha dèante a concrait, a dhealbhachadh leis a' chompanaidh innleadaireachd Blyth & Blyth. Chaidh a fosgladh gu h-oifigeil air 11 Dàmhair 1931.
Tha Baile nan Granndach, a tha na bhaile dealbhaichte, suidhichte mu 32 km an ear dheas air Inbhir Nis. Chaidh a stèidheachadh ann an 1765 leis an uachdaran ionadail, Sir Seumas Grannd
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach