Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Seann Drochaid agus an Drochaid Ùr, Baile nan Granndach
EXTERNAL ID
PC_GM_POSTCARDS_054
ÀITE
Seann Drochaid na Spè agus an Drochaid Ùr
SGÌRE
Crombail
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
23309
KEYWORDS
mountains
hills
bridges
rivers
trees
Old and New Bridges, Grantown on Spey

Sa chairt-phuist seo chithear an dà chuid Seann Drochaid agus Drochaid Ùr na Spè, faisg air Baile nan Granndach.

Tha Drochaid Ùr na Spè, a chithear ann an ro-ionad an deilbh, mu 1 km deas air Baile nan Granndach. Tha an drochaid dèante à cruadhtan agus chaidh a dealbhachadh le companaidh einnseanaireachd Blyth agus Blyth. Chaidh a fosgladh gu h-oifigeil air 11 Dùbhlachd 1931.

Tha Seann Drochaid na Spè mu 1.5 km ear-dheas air Baile nan Granndach. Tha an drochaid dèante à clach-ghràin, agus chaidh a togail ann an 1754 le Màidsear Uilleam Caulfield, neach-ionaid an t-Seanalair Wade, mar phàirt den rathad armailteach a' ruith bho Chùbar Aonghais gu Dùn Deòrsa. Tha snaigheadh air an drochaid ag ràdh, "AD 1754. 5 companeis of the 33rd Regement Colonel Charles Hay. Ended"

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Seann Drochaid agus an Drochaid Ùr, Baile nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

mountains; hills; bridges; rivers; trees

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection