Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bodach an t-Sìlein
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_002
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2331
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Bodach an t-Sìlein.

Bha siud ann o chionn fhada bodach, agus dè fhuair e an latha bha seo ach sìlean beag, agus thug e leis e gu taigh beag far an robh cailleach a' fuireach.

"An glèidh thusa dhòmhsa an sìlean beag a tha an seo?" ars am bodach, "agus tillidh mise a-màireach agus bheir mi leam e."

"Glèidhidh gu dearbh," ars a' chailleach, "is mise gu dearbh a nì sin!"

Mach am bodach, agus chaidh e dhachaigh dhan taigh aige fhèin. Làrna-mhàireach, tràth sa mhadainn, thàinig e air ais.

"Càite bheil an sìlean beag a dh'fhàg mise an seo an-dè?" dh'fhaighnich am bodach.

"Tha mi uabhasach fhèin duilich," fhreagair a' chailleach, "nach ann a thàinig a' chearc bheag agam a-steach agus dh'ith i e."

"Ma tha," thuirt am bodach, "mas ann mar sin a tha, bidh a' chearc fhèin agam." Thog e leis a' chearc agus chuir e anns a' mhàileid i, agus a-null leis gu taigh caillich eile.

"An glèidh thusa dhòmhsa a' chearc bheag a tha an seo?" ars am bodach, "agus tillidh mise a-màireach agus bheir mi leam i."

"Càite bheil a' chearc bheag a dh'fhàg mise an seo an-dè?" dh' fhàighnich am bodach.

"Tha mi uabhasach fhèin duilich," fhreagair a' chailleach, "nach ann a thàinig a' bhò bheag agam a-steach agus nach ann a sheas i oirre agus nach ann a marbh i i!"

"Ma tha," ars am bodach, "mas ann mar sin a tha bidh a' bhò fhèin agam."

Thug e leis a' bhò, agus a-null leis gu taigh caillich eile.

"An glèidh thusa dhomh a' bhò bheag a tha an seo?" ars am bodach, "agus tillidh mise a-màireach agus bheir mi leam i."

"Glèidhidh gu dearbha fhèin," ars a' chailleach, "is mise gu dearbha fhèin a nì sin!"

"Càite bheil a' bhò bheag a dh'fhàg mise an seo an-dè?" dh' fhaighnich am bodach.

"Tha mi uabhasach fhèin duilich," fhreagair a' chailleach, "nach ann a chaidh an nighean agam sìos don t-sruthan leatha gus deoch uisge a thoirt dhi, agus nach ann a thuit a' bhò agus nach ann a bhris i a cnàmhan!"

"O, ma tha," ars am bodach, "mas ann mar sin a tha, bidh an nighean fhèin agam." Thilg e dheth a mhàileid.

"A-staigh an siud thu, a nighean," ars am bodach.

"Cha tèid mi, gu dearbha fhèin," ars an nighean, "is mise gu dearbha fhèin nach dèan sin!"

Rug am bodach oirre agus stob e anns a' mhàileid i, agus a-null leis gu taigh caillich eile.

"An glèidh thusa dhòmhsa a' mhàileid a tha an seo?" ars am bodach, "agus tillidh mise a-màireach agus bheir mi leam i."

"Glèidhidh gu dearbha fhèin," fhreagair a' chailleach, "is mise gu dearbha fhèin a nì sin!"

Mach am bodach agus chaidh e dhachaigh dhan taigh aige fhèin. Ach an uair a dh'fhalbh am bodach, nach ann a chuala a' chailleach guth beag, bog, binn a-staigh anns a' mhàileid.

"Leigibh a-mach mi, leigibh a-mach mi; ge be dè a nì sibh, nach leig sibh a-mach mi!"

Dh'fhosgail a' chailleach a' mhàileid is leig i a-mach an nighean. Lìon a' chailleach agus an nighean an uair sin a' mhàileid le cait is rodain is luchainn is brocan.

Thill am bodach làrna-mhàireach, glè thràth sa mhadainn.

"Càite bheil a' mhàileid a dh'fhàg mise an seo an-dè?" dh'fhaighnich am bodach.

"Siud i thall an siud air cùl an dorais," fhreagair a' chailleach. "Biodh i agad, tog às a seo i!"

Mach am bodach leis a' mhàileid.

"Gabh òran, a nighean, agus an t-astar cho fada," ars am bodach.

Cha tainig òran no òran às a' mhàileid ach miaghlaich nan cat agus bìogail nan rodan agus nam broc.

"An ann a' magadh ormsa a tha thusa, a nighean?" ars am bodach cho feargach. Thilg e dheth a' mhàileid agus dh'fhosgail e i. A-mach a leum na cait agus na rodain agus na luchainn agus na brocan agus iad fhèin gu math crosta cuideachd!

Sgrìob agus sgròb iad am bodach truagh agus a-mach a thug esan cho luath 's a rinn e riamh. Cha do stad e gus an robh e a-staigh anns an taigh aige fhèin agus cha tug e leis gu bràth, gu siorraidh tuilleadh, rud sam bith nach buineadh dha fhèin.

Sin agaibhse Bodach an t-Sìlein.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bodach an t-Sìlein

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)