- TIOTAL
- Caisteal Ghrannd, Baile nan Granndach
- EXTERNAL ID
- PC_GM_POSTCARDS_060
- ÀITE
- Caisteal Ghrannd
- SGÌRE
- Crombail
- SIORRACHD/PARRAIST
- MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
- AITHNEACHADH MAOINE
- 23314
- KEYWORDS
- togalach
togalaichean
ailtireachd

Tha Caisteal Ghrannd 2.3 km ear-thuath air Baile nan Granndach.
Tha a' chiad iomradh sgrìobhte air tùr a bhith ann an seo ann an 1536. Aig an àm seo bha an togalach agus am fearann timcheall air le Donnchadh le Gaunte à Fruychy, a fhuair sealbh orra mu 1450.
Thug Sir Ludovic Grannd 'Caisteal Ghrannd' air an togalach ann an 1694, agus chaidh a leasachadh aig amannan eadar-dhealaichte thairis air an 17mh linn agus tràth san 18mh linn. Chaidh Caisteal Ghrannd ath-dhealbhachadh agus a leudachadh gu mòr anns na 1750an leis an ailtire Albannach Iain Adam, agus b' e Adam a dhealbhaich an aghaidh chruaidh air taobh tuath an togalaich.
Thàinig Iain Adam (1721-1792) bho theaghlach ailtirean ainmeil. Dhealbhaich athair, Uilleam Adam, Taigh Hopetoun faisg air Dùn Èideann, agus dhealbhaich a bhràthair, Raibeart Adam, Ceàrnag Teàrlaig ann an Dùn Èideann agus Caisteal Culzean ann an Siorrachd Air.
An-dràsta tha Caisteal Ghrannd falamh agus feumach air càradh
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach