Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Cheàrnag, Baile nan Granndach
EXTERNAL ID
PC_GM_POSTCARDS_072
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
23325
KEYWORDS
togalach
togalaichean
ailtireachd
The Square, Grantown on Spey

Sa chairt-phuist seo chithear a' Cheàrnag ann am Baile nan Granndach. 'S e baile dealbhaichte a th' ann am Baile nan Granndach, mu 32 km ear-dheas air Inbhir Nis, a chaidh a stèidheachadh ann an 1765 leis an uachdaran Sir Seumas Grannd.

Tha Baile nan Granndach air aon de cha mhòr 150 baile dealbhaichte a chaidh a stèidheachadh ann an Alba eadar 1750 agus 1850. Mar thoradh air leasachaidhean ann an àiteachas san 18mh linn, gu h-àraid cuartachadh achaidhean, bha tòrr nas lugha de luchd-obrach a dhìth airson obair air an fhearann. Dh'adhbhraich seo tòrr ùpraid shòisealta agus chruthaich mòran uachdarain Albannach bailtean dealbhaichte mar dhòigh gus malairt is gnìomhachas a bhrosnachadh sna sgìrean aca, agus mar dhòigh gus obair a chruthachadh don fheadhainn a chaidh fhuadachadh bhon talamh.

Thog Sir Seumas Grannd Baile nan Granndach timcheall air ceàrnag air làrach faisg air dà rathad a chaidh a thogail don arm. Chaidh gabhalaichean airson làraich togail a chur air a' mhargaidh ann an 1765 agus chur Sir Seumas sanas san Aberdeen Journal a' cur an cèill gun toireadh e seachad "feus or long leases, and all proper encouragements to Manufacturers, Tradesmen and others, sufficiently recommended and attested, as to Character and Ability, who incline to settle there."

Chuir Sir Seumas tòrr airgid a-steach do dh'oidhirpean gus gnìomhachas saothrachaidh a thàladh do Bhaile nan Granndach, ach bha e soilleir ro dheireadh nan 1700an nach robh na gnìomhachasan seo a' soirbheachadh. Shoirbhich le Baile nan Granndach, ge-tà, mar bhaile a bha a' toirt sheirbheisean don sgìre timcheall air.

Bha e soirbheachail a thaobh turasachd cuideachd bho na 1860an a-mach nuair a chaidh turasachd am meud. Gu ìre, thachair am fàs ann an turasachd mar thoradh air an rathad-iarainn tighinn gu Baile nan Granndach ann an 1863. B' urrainn barrachd luchd-turais tighinn don bhaile mar thoradh air an rathad-iarainn. Thadhail Banrigh Bhioctoria agus Prionnsa Albert air Baile nan Granndach san t-Sultain 1860. Bha a' Ghàidhealtachd air fàs nas fasanta am measg muinntir Bhreatainn às dèidh don Bhanrigh Baile Mhoireil a cheannach anns na 1840an.

B' e Sgoil Charthannais Shrath Spè no Ospadal Dìlleachdan Shrath Spè a bh' air an togalach air a bheil tùr cloca is cuach-mhullaich air taobh deas an deilbh seo. Chaidh taigh nan dìlleachdan a stèidheachadh ann an 1796 le dìleab ann an tiomnadh Baintighearna Ghrannd Mhòine Muiseig. Chaidh an cloc a chur a-steach dhan tùr nuair a chaidh taigh nan dìlleachdan ath-thogail eadar 1822 is 1824. Sgur an cloc a dh'obair ann an 1969 agus thog muinntir an àite airgead airson ath-nuadhachadh. Is e Taigh Shrath Spè a th' air an togalach an-diugh.

A rèir an neach-eachdraidh R N MacMillan, tha Baile nan Granndach "among the best-preserved and most interesting of all the Scottish planned villages". Tha e fhathast na bhaile cudromach a thaobh turasachd agus tha beagan a bharrachd air 2,000 a' fuireach ann

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Cheàrnag, Baile nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

togalach; togalaichean; ailtireachd

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection