Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Adhaircean Mòra air a' Chrodh a tha fad às
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_003
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2333
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Adhaircean Mòra air a' Chrodh a tha fad às.

Bha siud ann uaireigin gàirneilear òg agus dh'fhàs e uabhasach mì-thoilichte. Nis, cha robh adhbhar aige a bhith mì-thoilichte, 's ann a bha còir aige a bhith làn riaraichte. Cha robh flùraichean no luibhean anns an dùthaich a bha cho math ris an fheadhainn aigesan agus an uair a bheireadh e dan mhargaidh iad bhiodh e daonnan a' faighinn deagh phrìs orra. Cha robh bliadhna nach biodh e a' faighinn deagh dhuaisean air an son. Ach an dèidh sin 's na dhèidh cha robh e idir riaraichte agus cha robh an obair aige idir a' còrdadh ris.

"Chan eil mi ach a' tionndadh 's a' ruamhar 's a' cur 's a' tionndadh 's a' ruamhar," thuirt e ris fhèin, "bliadhna an dèidh bliadhna. Chan eil sin gu feum sam bith dhòmhsa. Cha chreid mi nach toir mi mo chasan leam às a seo. Gheibh mi obair eile agus cha bhi mi a leth cho trang 's tha mi."

Sin dìreach an rud a rinn e. Thug e às an latha sin fhèin agus dh'fhàg e an gàrradh an siud, an gàrradh brèagha far am biodh na h-eòin a' ceileireadh agus far am biodh srann aig na seilleanan. Ghabh e roimhe agus ghabh e roimhe gus mu dheireadh an tàinig e gu àite far an robh seann duine na shuidhe aig doras bothain agus e a' seinn na fìdhle.

"Nach math an dòigh a th' agaibh," thuirt e ris a' bhodach, "air cosnadh a dhèanamh! Saoil an ionnsaich sibh dhomh fhìn port a thoirt às an fhidheall?"

"Is mise gu dearbh a nì sin," fhreagair am bodach, "ach cuimhnich thusa, a laochain, gu feum thu a bhith ag ionnsachadh fad uairean-a-thìde a h-uile latha air neo cha tig an latha a bhios tu math air an fhidheall."

Cha do chòrd seo idir ris an fhear òg. "Gu dearbha fhèin," thuirt esan, "tha siud cus nas miosa na bhith ag obair anns a' ghàrradh. 'S ann a dh'fheuchas mi air rudeigin eile."

A-mach a ghabh e a-rithist, agus an ceann greise ràinig e baile mòr. Dè chunnaic e an sin ach sanas ann an uinneag bùtha ag iarraidh gille a bhiodh ag obair anns an taigh-fhuine. Fhuair e an obair agus cha b' fhada gus an do dh'ionnsaich e mar a dhèanadh e an t-aran. Ach b' e siud an obair chruaidh! Bha na gàirdeannan aige cho sgìth 's ged a bhiodh e fon phoca chlach o mhoch gu dubh, agus a h-uile uair a dhèanadh e airson stad agus anail a leigeil bha am bèicear ag èigheach aird a chinn. "Na stad idir, a bhalaich, na stad, air no thèid an t-aran a dholaidh, agus bidh e gun fheum."

Ann an ùine gun a bhith fada thuirt am fear òg ris fhèin nach b' e siud obair dhàsan idir agus a-mach a ghabh e a-rithist agus cha b' ann glè thoilichte. An ceann greise thàinig e gu àite far an robh fear a bha a' cumail sheillean.

"Chan fhaod e a bhith," thuirt an gille ris fhèin, "nach còrdadh e riumsa a bhith ag obair aig an duine seo; tha fios is cinnt gur e obair mhath a th' ann a bhith a' cumail sheillean agus a' reic mil."

Bha fear nan seillean gu math deònach obair a thoirt dha. Thug e dha aodach a chuireadh e air aodann 's air a cheann agus miotagan airson dìon a chur air a làmhan, agus sheall e dha mar a chruinnicheadh e a' mhil. Ach nach ann a thòisich na seilleannan ag èaladh a-steach fon aodach, agus tro na miotagan agus chuir iad an gath ann uair is uair. Thug esan a chasan leis cho luath 's a ghabhadh, ag èigheach àird a chinn.

"Till, till, thig air d' ais, thig air d' ais," bha fear nan seillean ag èigheach às a dhèidh, "'s fhada fhathast gus am bi sinn deiseil."

"Chan fhaic thu sin, mise a' tilleadh an sin," fhreagair an gàirneilear òg. "Chan eil mise ag iarraidh a bhith air mo mhort aig na creutairean grànda sin. Tha iad ro mhath air an gath a chur annad."

"Nach eil fhios gu bheil," fhreagair am fear eile. "Is tric a chuir iad an gath annamsa! Is iomadh uair sin. Chan eil e idir furasda mil fhaighinn gun gath a dhol tromhad."

"Seadh a-nis," thuirt am fear òg ris fhèin, "'s e mo bheachd nach eil an obair agam fhìn cho dona a dh'aindeoin cùise."

Agus air ais gun do ghabh e, le cridhe aotrom agus spiorad sunndach, dhan ghàrradh aige fhèin agus dhan obair a bh' aige bho thùs.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Adhaircean Mòra air a' Chrodh a tha fad às

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)