Ùrachadh mu Dheireadh 22/11/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gach Soirbheachadh bho Bhaile nan Granndach
EXTERNAL ID
PC_GM_POSTCARDS_080
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
23333
KEYWORDS
cat
Good Luck from Grantown on Spey

Air a' chairt-phuist seo tha ceithir seallaidhean de chomharran-stiùiridh ann am Baile nan Granndach agus mun cuairt air. 'S e baile dealbhaichte a th' ann am Baile nan Granndach, mu 32 km ear-dheas air Inbhir Nis, a chaidh a stèidheachadh ann an 1765 leis an uachdaran Sir Seumas Grannd.

'S e tiotal na h-ìomhaigh aig mullach clì na cairt-puist "A Peep of the Old Bridge". Tha Seann Drochaid na Spè 1.5 km ear-dheas air Baile nan Granndach. Tha an drochaid dèante à clach-ghràin, agus chaidh a togail ann an 1754 le Màidsear Uilleam Caulfield, neach-ionaid an t-Seanalair Wade, mar phàirt den rathad armailteach a' ruith bho Chùbar Aonghais gu Dùn Deòrsa. Tha snaigheadh air an drochaid ag ràdh, "AD 1754. 5 companeis of the 33rd Regement Colonel Charles Hay. Ended."

Chithear Drochaid Ùr na Spè aig bonn deas na cairt-puist. Tha an drochaid, a tha mu 1 km deas air Baile nan Granndach, dèante à cruadhtan agus chaidh a dealbhachadh le companaidh einnseanaireachd Blyth agus Blyth. Chaidh a fosgladh gu h-oifigeil air 11 Dùbhlachd 1931.

Tha na "Snow Clad Cairngorms" rim faicinn aig mullach deas na cairt-puist , agus 's e an ìomhaigh aig bonn clì na cairt-puist Taigh-òsta Craiglynne air Barraid nan Coillteach ann am Baile nan Granndach. 'S e dà thaigh air leth bho anmoch san 19mh linn a th' anns an togalach. Chaidh earrann mheadhanach an taigh-òsta leis an dà thùr a togail mu 1900 agus cheangail i an dà thaigh ri chèile

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:

Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gach Soirbheachadh bho Bhaile nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

cat

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection