Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch an Doirb
EXTERNAL ID
PC_GM_POSTCARDS_083
ÀITE
Loch an Doirb
SGÌRE
Crombail
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
23336
KEYWORDS
postcards
lochs
hills
islands
castles
trees
roads
tracks
fences
Lochindorb

Tha Loch an Doirb mu 10 km iar-thuath air Baile nan Granndach. Tha Caisteal Loch an Doirb na sheasamh air eilean, mu 300 meatair an ear air cladach Loch an Doirb.

Tha eachdraidh a' chaisteil gu math toinnte, oir bha e fo smachd iomadh buidheann eadar-dhealaichte mus deach a leigeil bho fheum ann am meadhan nan 1400an.

Tha prìomh earrann a' chaisteil bhon 13mh linn, agus o thùs b' e daingneach le na Cuimeinich a bh' ann. Ann an 1303 fhuair an rìgh Sasannach Eideard 1smachd air a' chaisteal aig àm Cogaidhean na Saorsa, agus bha e a' fuireach ann greiseag bheag.

Bho 1372, bha an caisteal le Alasdair Stiùbhart, Iarla Bhuchain, ris an cante 'Madadh-allaidh Bhàideanaich'.

Ro 1455 bha Gilleasbaig Dùbhghlas, Iarla Mhoireibh, a' còmhnaidh anns a' chaisteal. An dèidh do Dhùbhghlas call air a' bhliadhna sin, thàinig an caisteal fo smachd a' Chrùin agus chaidh òrdachadh gum biodh an caisteal air a chur às a chèile. Bhon àm sin, tha an caisteal air a dhol na thobhta

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch an Doirb

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

postcards;lochs; hills; islands; castles; trees; roads; tracks; fences

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection