Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Fuaran agus an Talla Cuimhneachaidh, Tom an t-Sabhail
EXTERNAL ID
PC_GM_POSTCARDS_098
ÀITE
Tom an t-Sabhail
SGÌRE
Baile Bhainidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
23345
KEYWORDS
togalach
togalaichean
ailtireachd
The Fountain and Memorial Hall, Tomintoul

'S e baile dealbhaichte a th' ann an Tom an t-Sabhail, stèidhichte anns na 1770an leis an uachdaran, Alasdair, an ceathramh Diùc Ghòrdain, mu 22 km iar-dheas air Baile nan Granndach.

Tha Tom an t-Sabhail air aon de mu 150 baile dealbhaichte a chaidh a stèidheachadh ann an Alba eadar 1750 agus 1850. Mar thoradh air leasachaidhean ann an àiteachas san 18mh linn, gu h-àraid cuartachadh achaidhean, bha tòrr nas lugha de luchd-obrach a dhìth airson obair air an fhearann. Dh'adhbhraich seo tòrr ùpraid shòisealta agus chruthaich mòran uachdarain Albannach bailtean dealbhaichte mar dhòigh gus malairt is gnìomhachas a bhrosnachadh sna sgìrean aca, agus mar dhòigh gus obair a chruthachadh don fheadhainn a chaidh fhuadachadh bhon talamh.

Chaidh Tom an t-Sabhail a dhealbh timcheall air ceàrnag mheadhanach air làrach a fhuair buannachd bhon rathad armailteach a' dol tarsainn air an Leac bho Bhràigh Mhàrr. Chaidh na ciad sgrùdaidhean air an sgìre a dhèanamh ann an 1775 agus ghluais na ciad mhàladairean a-steach a Thom an t-Sabhail ann an 1780.

Bha Diùc Ghòrdain an dùil gnìomhachas lìn agus anairt a thogail anns a' bhaile, ach cha do shoiribhich leis. Ach thàinig piseach air eaconamaidh na sgìre an dèidh 1824, nuair a chaidh grùdaireachd mòr-sgèile an uisge-bheatha a dhèanamh laghail. Dh'fhosgail grunn thaighean-staile timcheall air Tom an t-Sabhail, nam measg fear aig Gleann Liobhait, agus tha prìomh àite fhathast aig dèanamh uisge-beatha anns an eaconamaidh ionadail.

Chaidh a' Bhanrigh Bhioctoria tro Thom an t-Sabhail san t-Sultain 1860, 's i air cuairt bho Bhaile Mhoireil. Cha do ghabh i beachd math sam bith air a' bhaile agus sgrìobh i na leabhar-latha, "Tomintoul is the most tumble-down, poor-looking place I ever saw - a long street with three inns, miserable dirty-looking houses and people, and a sad look of wretchedness about it."

Chaidh am fuaran òil de dh'iarann molldaichte a tha anns a' phrìomh cheàrnaig, agus a tha ri fhaicinn san ìomhaigh seo, a thoirt do mhuinntir a' bhaile le Raibeart Gòrdan ann an 1915. Tha dà cheum bheag de dh'iarann molldaichte aig bonn an fhuarain airson clann, air am bheil na faclan seo snaighte, 'Step Up Bairns'

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Fuaran agus an Talla Cuimhneachaidh, Tom an t-Sabhail

togalach; togalaichean; ailtireachd

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection