Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceàrnag Thom an t-Sabhail
EXTERNAL ID
PC_GM_POSTCARDS_100
ÀITE
Tom an t-Sabhail
SGÌRE
Baile Bhainidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
23347
KEYWORDS
postcards
villages
squares
lawns
trees
houses
hotels
shops
Tomintoul Square

'S e baile dealbhaichte a th' ann an Tom an t-Sabhail, stèidhichte anns na 1770an leis an uachdaran, Alasdair, an ceathramh Diùc Ghòrdain, mu 22 km iar-dheas air Baile nan Granndach.

Tha Tom an t-Sabhail air aon de mu 150 baile dealbhaichte a chaidh a stèidheachadh ann an Alba eadar 1750 agus 1850. Mar thoradh air leasachaidhean ann an àiteachas san 18mh linn, gu h-àraid cuartachadh achaidhean, bha tòrr nas lugha de luchd-obrach a dhìth airson obair air an fhearann. Dh'adhbhraich seo tòrr ùpraid shòisealta agus chruthaich mòran uachdarain Albannach bailtean dealbhaichte mar dhòigh gus malairt is gnìomhachas a bhrosnachadh sna sgìrean aca, agus mar dhòigh gus obair a chruthachadh don fheadhainn a chaidh fhuadachadh bhon talamh.

Chaidh Tom an t-Sabhail a chur a-mach timcheall air ceàrnag mheadhanach air làrach a fhuair buannachd bhon rathad armailteach a' dol tarsainn air an Leac bho Bhràigh Mhàrr. Chaidh na ciad sgrùdaidhean air an sgìre a dhèanamh ann an 1775 agus ghluais na ciad màladairean a-steach a Thom an t-Sabhail ann an 1780.

Bha Diùc Ghòrdain an dùil gnìomhachas lìn agus anairt a thogail anns a' bhaile, ach cha do shoiribhich leis. Ach thàinig piseach air eaconamaidh na sgìre an dèidh 1824, nuair a chaidh grùdaireachd mòr-sgèile an uisge-bheatha a dhèanamh laghail. Dh'fhosgail grunn thaighean-staile timcheall air Tom an t-Sabhail, nam measg fear aig Gleann Liobhait, agus tha prìomh àite fhathast aig dèanamh uisge-beatha anns an eaconamaidh ionadail.

Chaidh a' Bhanrigh Bhioctoria tro Thom an t-Sabhail san t-Sultain 1860, 's i air cuairt bho Bhaile Mhoireil. Cha do ghabh i beachd math sam bith air a' bhaile agus sgrìobh i na leabhar-latha, "Tomintoul is the most tumble-down, poor-looking place I ever saw - a long street with three inns, miserable dirty-looking houses and people, and a sad look of wretchedness about it"

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceàrnag Thom an t-Sabhail

postcards; villages; squares;lawns; trees; houses; hotels; shops

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection