Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Naoi seallaidhean air Inbhir Narann, 1964
EXTERNAL ID
PC_GM_POSTCARDS_109
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
DEIT
1964
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
23355
KEYWORDS
royal burghs
holiday resorts
Nine Views of Nairn, 1964

'S ann o 1964 a tha a' chairt-phuist seo agus chithear naoi seallaidhean air Inbhir Narann, baile a tha na laighe mu 26km dhan ear-thuath air Inbhir Nis. Rim faicinn san dealbh tha: An t-Sràid Ard, Rathad Seabank, Drochaid Dhulfhasaidh, Abhainn Narann, an tràigh, rèidhlean a' phutaidh, rèidhlean na machrach agus Caisteal Chaladair.

Tha Inbhir Narann na bhorgh rìoghail air tràigh a deas Linne Mhoireibh mu 16 mìle bho Inbhir Nis. 'S e 'Invernairn' a bh' air uaireigin ann am Beurla, dìreach mar a tha sa Ghàidhlig, leis mar a bha e aig beul Abhainn Narann. Mus tàinig Rèile Inbhir Nis is Inbhir Narann ann an 1855, bha Inbhir Narann na bhaile de mhargaidh is de thuathanachd na b' fhaide bhon chost na 'm Bail' Iasgaich, àite iasgaich aig muinntir Lochlainn, tha a h-uile coltas, a thàinig a dh'fhuireach ro 1000AD.

San t-16mh linn bha measgachadh de Ghàidheil le Gàidhlig agus de dhaoine on ear-thuath le Beurla no Albais ann an Inbhir Narann. Tha e air a chlàradh gum biodh Seumas VI agus l a' bòstadh gun robh baile aige ann an Alba a bha cho fada 's gum bruidhneadh daoine aig aon cheann na sràide cànan eile bho na daoine aig a' cheann eile.

'S e a' phàirt as ùire de dh'Inbhir Narann am baile turasachd Bhioctorianach a dh'fhàs suas, às dèidh teachd an rèile, timcheall air a' Bhail' Iasgaich a bh' ann. Thàinig am baile gu bhith na ionad spà iomraiteach mar thoradh air buadhan leigheasach sàl na mara san sgìre, air na tràighean fada gainmhich agus air an aimsir thioram ghrianach. Chaidh taighean mòra eireachdail Bhioctorianach agus taighean-òsta uasal an togail gus frithealadh air an àireamh na bu mhotha de luchd-turais. Chaidh goireasan eile an leasachadh cuideachd, nam measg am promanàd, pàilleann nan còmhlan-ciùil agus dà raon goilf

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Naoi seallaidhean air Inbhir Narann, 1964

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

1960an

royal burghs; holiday resorts

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection