Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Bloigh Beag le Beannachd
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_005
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2336
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Am Bloigh Beag le Beannachd.

Bha siud ann o chionn fhada an t-saoghail bean bhochd aig an robh triùir nighean.

Latha dhe na làithean thuirt an tè bu shine ri a màthair, "Tha e cho math dhòmhsa a bhith a' falbh a-nise a dh'iarraidh an fhortain."

"Ma tha thusa a' cur romhad sin a dhèanamh," thuirt a màthair, "deasaichidh mise bonnach a bheir thu leat."

An uair a bha am bonnach deiseil thuirt a màthair ris an nighinn, "Dè as fheàrr leat - am bloigh beag agus mo bheannachd no am bloigh mòr agus mo mhallachd?"

"Gabhaidh mi," fhreagair an nighean, "am bloigh mòr agus ur mallachd."

Fhuair ise an rud a roghnaich i. Mach a ghabh i, gu math sunndach, agus lean i oirre a' coiseachd fad an latha. Am beul na h-oidhche agus i air a sàrachadh le sgìths is acras shuidh i ann am fasgadh gàrraidh a dh'ithe a' bhonnaich. Cho luath 's a thòisich i ga ithe nach ann a nochd dà chuilean dheug agus eòin bheaga an adhair agus chruinnich iad timcheall oirre.

"Nach toir thu dhuinn pàirt dhen a' bhonnach?" dh'fhaighnich iad.

"Gu dearbha fhèin cha toir, a bheathaichean grànda," fhreagair ise, "'s ann a tha e beag gu leòr dhomh fhìn."

"Biodh ar mallachd agadsa," thuirt iadsan uile, "ach 's e mallachd do mhàthar as miosa dhut air fad."

Cha do chuir am bloigh bonnaich leth dhen acras dhith ach co-dhiù dh'èirich i agus dh'fhalbh i a-rithist. An ceann greise chunnaic i taigh beag fada bhuaipe ach ged a bha e fada bhuaipe cha robh ise fada ga ruighinn. Cho luath 's a ràinig i e, thug i gnogadh cruaidh air an doras.

"Cò tha muigh an siud?" dh'èigh cuideigin a-staigh.

"Tha deagh shearbhanta ag iarraidh maighstir," fhreagair ise.

"Sin dìreach a tha a dhìth òirnne," thuirt an guth a-staigh. "Thig a-steach an seo gu faic sinn thu." Chaidh a fasdadh gun dàil. An obair a bha gu bhith aice 's e a bhith a' caithris a h-uile oidhche, fad na h-oidhche, bràthair bean-an-taighe, agus e fo gheasan. An tuarasdal a bha gu bhith aice 's e peic òir agus peic airgid. Ach a bharrachd air a sin bha aice de chnothan mar a bhriseadh i, de shnàthadan mar a chailleadh i, de shnàth mar a dh'fhuaigheadh i, de choinnlean mar a loisgeadh i, leabaidh le sìoda uaine foidhpe agus air a h-uachdar agus cothrom cadail fad an latha.

A' chiad oidhche, an uair a bha i a' cumail faire nach ann a thuit an cadal oirre. Thàinig bean-an-taighe, a bana-mhaighstir, a-steach agus bhuail i an slachdan draoidheachd oirre. Thuit ise na clostar, mar gum biodh i marbh, agus chaidh a tilgeil a-mach gu cùl an taighe.

Latha dhe na làithean thuirt an dàrna nighean ri a màthair, "Saoil nach fheàrr dhomh fhìn a-nise mo phiuthar a leantainn agus falbh a dh'iarraidh an fhortain?"

"Mas e sin a tha fainear dhut a dhèanamh 's ann as fheàrr dhòmhsa bonnach a dheasachadh airson do thurais."

Rinn ise sin, mar a rinn i roimhe. Dh'iarr an dàrna nighean am bloigh mòr agus mallachd a màthar na chois, dìreach mar a rinn a piuthar roimhpe, agus thachair dhìse dìreach mar a thachair da piuthair.

Mu dheireadh, thuirt an nighean a b' òige ri a màthair, "Saoil nach fheàrr dhòmhsa a-nise mo pheathraichean a leantainn agus a dhol a dh' iarraidh an fhortain?"

"Mas e sin a tha fainear dhutsa a dhèanamh," fhreagair a màthair, "deasaichidh mise bonnach airson an turais agad."

An uair a bha am bonnach bruich, dh'fhaighnich a màthair dhen an nighinn dè a b' fheàrr leatha, am bloigh beag agus beannachd a màthar no am bloigh mòr le a mallachd. Ròghnaich ise am bloigh beag agus a beannachd, agus thog i oirre air a turas. Bha i a' coiseachd fad an latha agus bha i air a sàrachadh leis an sgìths agus leis an acras. Am beul na h-oidhche shuidh i ri fasgadh gàrraidh a dh' ithe na thug i leatha dhen a' bhonnach, 's cha bu mhòr sin.

Mar a thachair roimhe, nochd an dà chuilean dheug agus eòin bheaga an adhair agus chruinnich iad timcheall oirre.

"An toir thu dhuinne pàirt dhen a sin?" dh'fhaighnich iad.

"Is mise a nì sin, a bheathaichean bòidheach," fhreagair ise, "tha gu leòr an seo dhuinn air fad!"

Thug i dhaibhsan an cuid dhen bhonnach. Dh' ith iad uile an cuid agus fhuair iad fhèin agus ise an leòr.

Theann iad an uair sin faisg oirre agus chum iad blàth i fad na h-oidhche.

An uair a thàinig a' mhadainn thog i oirre a-rithist agus an ceann greise chunnaic i taigh beag fada bhuaipe. Ged a bha e fada bhuaipe cha robh ise fada ga ruighinn. An uair a ràinig i an taigh bhuail i an doras gu cruaidh.

"Sin dìreach a tha a dhìth òirnne," thuirt an guth a-staigh. "Thig a-steach an seo 's gu faic sinn thu."

Chaidh a fasdadh gun dàil. An tuarasdal a bha gu bhith aice 's e peic òir agus peic airgid. Ach a bharrachd air a sin bha aice de chnothan mar a bhriseadh i, de shnàthadan mar a chailleadh i, de mheurain mar a tholladh i, de shnàth mar a dh'fhuaigheadh i, de choinnlean mar a loisgeadh i, leabaidh le sioda uaine foidhpe agus air a h-uachdar. An obair a bha gu bhith aice 's e bhith a' caithris bràthair do bhean-an-taighe a bha fo gheasan.

Shuidh i a' cumail faire air an duine mharbh, agus a' fuaghal. Air a' mheadhan-oidhche dhùisg esan agus rinn e airson èirigh.

"Mura laigh thu sios sa mhionaid, bheir mi buille dhut leis a' bhata seo," thuirt ise.

Laigh e sios ach an ceann greiseag dh'èirich e a-rithist air uilinn. Dh'èirich e an treas turas agus thug ise buille chruaidh dha leis a' bhata. Ma thug, lean am bata ris an duine, lean an làmh aicese ris a' bhata, agus a-mach a ghabh iad.

Lean iad orra gus an robh iad a' dol tro choille. Mar a b' ìosal dhìse, b' àrd dhàsan agus mar a b' àrd dhìse b' ìosal dhàsan. Bha na cnothan a' cur nan sùilean asda agus na h-àirnean a' toirt nan cluasan dhiubh; ach mu dheireadh thall fhuair iad tron choille. An dèidh dhaibh faighinn a-mach às a' choille thill iad gu taigh a maighstir. Fhuair ise am peic òir agus am peic airgid. Fhuair i cuideachd ìocshlaint a shuath i ri a dà phiuthair, agus thug i beò iad a-rithist. Thill iad dhachaigh nan triùir, agus tha iad beò fhathast - mur do chaochail iad!

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Bloigh Beag le Beannachd

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)