Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mac na Bantraich agus na Sìthichean
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_006
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2337
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Mac na Bantraich agus na Sìthichean.

Bha bantrach bhochd ann o chionn fhada aig an robh aon mhac. Latha brèagha Earraich thog e air agus e an dùil a dhol don bheinn a choimhead air na caoraich. Bha e dìreach air brògan ùra fhaighinn agus chuir e air iad. Thuirt a mhàthair ris nach robh feum sam bith aige air brògan a' dol don bheinn agus gur ann a b' fheàrr dha cus falbh cas-ruisgte. Cha tug esan feairt air a mhàthair. Chuir e e fhèin air dòigh, agus a-mach gun tug e, e fhèin 's an cù.

Am feasgar sin fhèin thàinig an cù dhachaigh ach cha tàinig an gille. Cha tàinig e dhachaigh làrna-mhàireach nas motha. Chaidh an naigheachd bho cheann gu ceann dhen a' bhaile gun tàinig an cù dhachaigh gun a mhaighstir. Thog am baile a-mach agus shiubhail daoine thall 's a bhos ach sgeul cha robh air mac na bantraich.

An ceann seachd bliadhna nach ann a thàinig an gille dhachaigh agus aodach na luideagan agus a bhrògan brèagha nan ablaich. Dh'innis e mar a thachair dha an latha a dh'fhàg e taigh a mhàthar. A-muigh anns a' bheinn 's ann a chual' e an ceòl bu bhrèagha agus bu bhinne a chual' e riamh roimhe a' tighinn a-mach à cnoc bòidheach gorm. Shuidh e an siud ga èisteachd agus gun aire aige air dad sam bith eile. Ach cha b' fhada gus an do dh' fhosgail doras anns a' chnoc. A-mach a thàinig a' bhean-shìth agus thug ise dha cuireadh còir coibhneil a dhol a-steach.

"Is mise a nì sin," thuirt esan, agus rinn e sin. Ma rinn, thòisich an ceòl agus an dannsa. Am meadhan a h-uile rud a bha a' dol dh' fhaighnich a' bhean-shìth dheth am biodh e deònach fuireach ag obair aca. Thuirt esan gum bitheadh gu dearbh.

"Is e do cheann-latha," thuirt ise, "an latha a theirgeas do bhrògan."

Chuir esan a làmh ris a h-uile car a bha ri dhèanamh aig na sìthichean, eadar treabhadh is cur is buain is eile. A h-uile feasgar an uair a bhiodh an obair seachad bha e a' glanadh a bhrògan agus gam fàgail a-muigh gan tiormachadh.

Bha seann bhodach beag an còmhnaidh na shuidhe ri taobh an teine agus ars esan an latha bha seo, "'Ille, a bheil fhios agad gu dè cho fada 's a tha thu an seo?"

"Tha mi seachdain ann," fhreagair an gille.

"Chan eil thu," thuirt an seann duine, "ach tha seachd bliadhna ann."

Bha an gille bog balbh leis an iongnadh a ghabh e, oir cha robh an ùine dhàsan ach mar sheachdain.

"Innsidh mise dhutsa," thuirt am bodach beag, "ciamar a gheibh thu às a seo. Cuiridh tu do bhrògan a-mach gun am poll a thoirt dhiubh idir; agus bheir mise mo ghealladh dhut nach bi iad fada agad."

Sin dìreach an dearbh rud a rinn an gille. Cha b' fhada gus an robh na brògan nan ablaich. Sheall e iad don bhean-shìth agus dh' iarr e cead oirre a dhol dhachaigh.

"Bi falbh, matà," thuirt ise, "agus mo bheannachd agad; ach is beag orm am fear a dh' ionnsaich thu!"

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mac na Bantraich agus na Sìthichean

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)