Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Sràid Àrd, Baile nan Granndach
EXTERNAL ID
PC_GM_POSTCARDS_119
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Railway Society
AITHNEACHADH MAOINE
23370
KEYWORDS
each
eich
cairt
cairtean
càr
càraichean
carbad
carbadan
High Street, Grantown on Spey

Sealladh air an t-Sràid Àird ann am Baile nan Granndach. Na laighe mu 32km an ear-dheas air Inbhir Nis, 's e Baile nan Granndach baile a chaidh a dheilbh, air a chur air bhonn ann an 1765 leis an uachdaran sgìreil, Sir Seumas Grannd

'S e Baile nan Granndach fear de mu 150 baile air an deilbh a chaidh a chur air bhonn ann an Alba eadar 1750 is 1850. Mar thoradh air leasachaidhean ann an dòighean àiteachais san 18mh linn, gu h-àraid na gearraidhean de thalamh àiteachais, cha robh feum air uiread de luchd-obrach air an fhearann. Dh'adhbhraich seo tòrr ghluasadan am measg na tuath, agus chuir grunn uachdarain air bhonn bailtean air am planadh. Bheireadh seo obair do na daoine a dh'fheumadh am fearann fhàgail agus tharraingeadh e malairt is gnìomhachas don sgìre.

Chaidh Baile nan Granndach a dheilbh le Sir Seumas Grannd timcheall air ceàrnag mhòr mheadhanach air ionad far an do choinnich dà rathad mòr armailteach. Chaidh ionadan togail air mhàl an cur a-mach airson reic ann an 1765 agus chuir Sir Seumas sanas san 'Aberdeen Journal' ag ràdh gun toireadh e seachad "Feus or long leases, and all proper encouragement to Manufacturers, Tradesmen, or others, sufficiently recommended and attested, as to Character and Ability, who incline to settle there."

Chuir Sir Seumas an sàs tòrr airgid feuch an tàlaidheadh e diofar luchd-gnìomhachais gu Baile nan Granndach, ach anmoch sna 1700an bha e follaiseach nach robh na gnìomhachasan sin a' dèanamh gu math. Thàinig piseach air a' bhaile, ge-tà, mar mheadhan do sheirbheisean san sgìre mu thimcheall agus o na 1860an air adhart thàinig leasachadh tro àireamh na bu mhotha de luchd-turais a bha a' tadhal air an sgìre.

Ann am pàirt, 's e teachd an rèile ann an 1863 do Bhaile nan Granndach a thug a-steach an àireamh na bu mhotha de luchd-turais. San t-Sultainn 1860 thadhail a' Bhanrigh Bhioctoria agus am Prionnsa Albert air a' bhaile cuideachd, an dèidh dhaibh Baile Mhoireil a cheannach sna 1840an, rud a bha air tàladh mòran a bharrachd de Bhreatannaich don Ghàidhealtachd.

Tha togalach ann air a bheil mullach le tùr air an t-Sràid Àird, a chithear san dealbh seo dhan chlì sa bheulaibh, agus b' e Institiùd Criostaidh Bhioctoria a bh' ann an toiseach. 'S ann o 1897 a tha e agus an-diugh 's e Ionad Coimhearsnachd a' bhaile a th' ann.

Thuirt an neachd-eachdraidh RN Mac a' Mhaoilein gu bheil Baile nan Granndach "among the best-preserved and most interesting of all Scottish planned villages". An-diugh tha e fhathast na bhaile-turasachd agus sluagh beagan a bharrachd air 2,000 a' fuireach ann.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Sràid Àrd, Baile nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

each; eich; cairt; cairtean; càr; càraichean; carbad; carbadan

Highland Railway Society

Grantown Museum Photographic Collection