Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch An Doirb
EXTERNAL ID
PC_GM_POSTCARDS_127
ÀITE
Loch an Doirb
SGÌRE
Crombail
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
23379
KEYWORDS
lochs
castles
Lochindorb

Tha Loch an Doirb na laighe mu 10km an iart-huath air Baile nan Granndach. Tha Caisteal Loch an Doirb air eilean a tha mu 300 meatair o chladach Loch an Doirb.

Tha eachdraidh a' chaisteil gu math riaslach oir 's ann fo smachd iomadh taobh a bha e mus deach fhàgail gus a dhol bho fheum am meadhan nan 1400an.

'S ann on 13mh linn a tha a' chuid as motha dheth, agus 's e daingneachd muinntir Chomyn a bh' ann an toiseach. Ann an 1303 chaidh an caisteal a ghlacadh leis an Rìgh Sasannach Eideard l aig àm nan Cogaidhean Neo-Eisimileachd agus dh'fhuirich e fhèin ann greiseag.

Bho 1372, b' ann fo sheilbh Alasdair Stiùbhairt, Iarla Bhuchain air an robh 'The Wolf of Badenoch' a bha an caisteal.

Ann an 1455, bha Gilleasbaig Dùbhghlas, Iarla Mhoireibh, a' fuireach sa chaisteal. Ach nuair a chaill e batal a' bhliadhna sin, thàinig an caisteal fo smachd a' Chrùin agus thugadh òrdugh seachad gum biodh an caisteal air a chur às a chèile. On àm sin tha an caisteal air a dhol na thobhta

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch An Doirb

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

lochs; castles;

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection