Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loidse an Iar, Caisteal nan Granndach, Baile nan Granndach
EXTERNAL ID
PC_GM_POSTCARDS_138A
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Railway Society
AITHNEACHADH MAOINE
23389
KEYWORDS
ailtireachd
West Lodge, Castle Grant, Grantown on Spey

Sa chairt-phuist seo chithear an Loidse an Iar, togalach o mheadhan no anmoch san 19mh linn a tha air an t-slighe a-steach do Chaisteal nan Granndach.

Tha Caisteal nan Granndach 2.3 km an ear-thuath air Baile nan Granndach. 'S ann o 1536 a tha a' chiad sgrìobhadh a tha ag ràdh gun robh tùr air. Aig an àm 's ann le 'Duncan le Gaunte of Fruychy', fear a ghabh seilbh orra mu 1450, a bha an togalach agus an sgìre mu chuairt.

Chaidh an t-ainm 'Castle Grant' a thoirt dha le Sir Maoldònaich Grannd (Sir Ludovick Grant) ann an 1694, agus chaidh a leudachadh grunn tursan thairis air an t-17mh agus an 18mh linn. Chaidh an caisteal atharrachadh is leudachadh gu mòr sna 1750an leis an ailtire Albannach Sir John Adam, agus 's e a dheilbh aghaidh chruaidh gu tuath an togalaich.

'S ann o theaghlach de dh'ailtirean ainmeil a bha John Adam (1721-1792). 'S e athair, Uilleam Adam, a dheilbh Taigh Hopetoun faisg air Dùn Èideann, agus 's e a bhràthair, Raibeart Adam, a dheilbh Ceàrnag Charlotte ann an Dùn Èideann agus cuideachd Caisteal Chùl-Sian (no Culzean) ann an Siorrachd Àir.

An-diugh chan eil duine a' fuireach ann an Caisteal nan Granndach agus tha e ann an droch staid

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loidse an Iar, Caisteal nan Granndach, Baile nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

ailtireachd

Highland Railway Society

Grantown Museum Photographic Collection