Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Ghobhar Ghlas agus na Trì Minn
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_007
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2339
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

A' Ghobhar Ghlas agus Na Trì Minn.

Bha siud ann o chionn fhada gobhar ghlas aig an robh trì minn, Am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic.

Latha dhe na làithean thuirt a' Ghobhar Ghlas ris na trì minn: "Tha mise, a chlann, a' dol dhan tràigh a bhuain maoraich. Cuiridh sibhse an claidhean air an doras an uair a dh' fhalbhas mise agus ged a chluinneadh sibh gnogadh air an doras na fosglaibh idir e air eagal gur e am madadh-ruadh a bhios ann agus gun toir e leis sibh dhan taigh aige fhèin."

"Ciamar a dh' aithnicheas sinne sibh fhèin, a mhàthair?" dh' fhaighnich na trì minn, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic.

"Cha bhi sin doirbh idir," fhreagair a' Ghobhar Ghlas. "Cuiridh mise trì snàithlein air mo chois, fear geal is fear gorm is fear sgàrlaid, agus cuiridh mi a-staigh i aig bonn an dorais; agus bheir sibhse an uair sin an claidhean bhon doras." Thug i leatha basgaid bheag agus dh' fhalbh i sìos don tràigh.

Cha b' fhada bha ise air falbh an uair a thàinig gnogadh cruaidh air an doras. Cò bha an seo ach mac an uilc e fhèin, am madadh-ruadh!

"Fosglaibh, fosglaibh, fosglaibh an doras; is mise ur màthair."

"Cha tu idir ar màthair," fhreagair na trì minn à beul a chèile, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic.

"Ach ciamar idir, matà, a dh' aithnicheas sibh ur màthair an uair a thig i?" thuirt am madadh-ruadh.

"Tha trì snàithlein, geal is gorm is sgàrlaid, air a' chois aice," thuirt na trì minn, à beul a chèile.

Mach am madadh-ruadh gu taigh a' bhreabadair agus fhuair e trì snàithlein, geal is gorm is sgàrlaid, agus cheangail e air a spòig iad. Air ais leis gu crò nam meann. Chuir e a-staigh a spòg fo bhonn an dorais, agus dh' èigh e àird a chinn:

Dh' fhosgail na trì minn, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic, an doras gun dàil. Steach am madadh-ruadh na chruaidh ruith agus ghabh e mun cùl agus sguab e leis na trì minn, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic, agus thug e dhachaigh iad dhan taigh aige fhèin.

An ceann greis, thill a' Ghobhar Ghlas dhachaigh! Mo chreach mhòr 's mo bhròn bha doras crò nam meann fosgailte gu a chùl. Thilg a' Ghobhar Ghlas a' bhasgaid bheag làn maoraich air an làr agus dh' èigh i àird a cinn: "Mise, a' Ghobhar Ghlas, air mo thoirt às, ag iarraidh mo thrì minn, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic. Fhaoileag, fhaoileag, am faca tusa mo thrì minn, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic?"

"Gu dearbha fhèin chan fhaca mise do thrì minn, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic, air an talamh a tha fodham no anns an adhar a tha os mo chionn," fhreagair an fhaoileag.

Dh' fhalbh a' Ghobhar Ghlas a-null gu creig na feannaig. "Mise a' Ghobhar Ghlas air mo thoirt às," ars ise, "ag iarraidh mo thrì minn, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic. Fheannag, fheannag, am faca tusa mo thrì minn, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic?"

"Gu dearbha fhèin," fhreagair an fheannag, "chan fhaca mise do thrì minn, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic air an talamh a tha fodham no air an adhar a tha os mo chionn."

Mach a' ghobhar ghlas a-rithist agus cha do stad i gus an do ràinig i taigh a' mhadaidh-ruaidh. Dh' èigh i àird a cinn aig ceann an taighe. "Mise a' Ghobhar Ghlas air mo thoirt às, ag iarraidh mo thrì minn, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic."

A-mach am madadh-ruadh agus sheas e anns an doras is chuir e aghaidh air a' Ghobhar Ghlas: "Cò tha seo taobh-a-muigh a' bhothain bhig agamsa nach leig le mo choire goil 's nach leig le mo bhonnach bruich 's nach leig le mo chloinn bhig a dhol dhan tobar? Chan fhaca mise gu dearbha fhèin na trì minn agadsa, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic air an talamh a tha fodham no air an adhar a tha os mo chionn. Thig a-steach agus gheibh thu bòla brochain."

A-steach don bhothan chaidh a' Ghobhar Ghlas agus thug am madadh-ruadh dhi bòla brochain, agus dh' ith i sin.

"An gabh thu bòla eile?" ars am madadh-ruadh.

"Gabhaidh gu dearbh, is mise nì sin," fhreagair a' Ghobhar Ghlas.

Lìon am madadh-ruadh bòla eile leis a' bhrochan agus thug e sin dhi.

"Càit idir a bheil thu a' cur na tha thu ag ithe dhen bhrochan?" dh' fhaighnich am madadh-ruadh.

"Ann am pocan beag a th' agam an seo," ars a' Ghobhar Ghlas, agus thug i cruinn leum aisde a dh' ionnsaigh a' mhadaidh-ruaidh. Dh' fhàg i an siud e gun aithne gun chainnt air an ùrlar. Chual' i meigeadaich an ceann shuas an taighe agus dh' fhosgail i an doras a bha an siud. Mach na trì minn, am Minnean Mìogach, am Bocan Tàrr-gheal agus an Gille Buic.

Ghabh a' Ghobhar Ghlas man cùl agus threòraich i dhachaigh iad gu crò nam meann.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Ghobhar Ghlas agus na Trì Minn

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)