Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gealltanas Math is Droch Phàigheadh
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_008
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2340
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Gealltanas Math is Droch Phàigheadh.

Bha fear ann uaireigin a bhiodh a' dol don choille a h-uile latha a dh' iarraidh fiodh airson an teine. Latha dhe na làithean, cò thachair ris ach mathan.

"Bheir thu dhòmhsa an t-each a th' agad an sin," ars am mathan, "air neo marbhaidh mise a h-uile caora a th' agad!"

"Nach fhaod mi am fiodh seo a thoirt dhachaigh an toiseach?" ars an duine. "Bheir mi thugad an t-each anns a' mhadainn."

Thug am mathan cead dha seo a dhèanamh.

Air a shlighe dhachaigh, nach ann a thachair madadh-ruadh ris an duine.

"Nach tu a tha gruamach!" ars am madadh-ruadh, "dè idir a tha ceàrr?"

"Cha bheag sin," fhreagair an duine. "Nach do thachair mathan rium anns a' choille, agus thug e orm gealltainn dha an t-each a thoirt thuige a-màireach air neo gum marbhadh e a h-uile caora a th' agam."

"A bheil thusa ag ràdh riumsa gur e sin a tha a' cur dragh ort?" ars am madadh-ruadh. "Cha bhi mise fada a' cur sin air dòigh dhut, 'ille, ma gheallas to dhomh an t-uan as fheàrr a tha agad."

Cha b' e ruith ach leum leis an duine seo a ghealltainn.

"Nis, matà," ars am madadh-ruadh, "an uair a thig thu an seo a-màireach leis an each, nì mise beagan fuaim is ùpraid anns a' chàrn chlach sin thall, agus an uair a dh' fhaighnicheas am mathan dè am fuaim a tha siud, feumaidh tusa a ràdh ris gur e Seumas Sealgair a tha ann, agus nach eil air an t-saoghal cho cinnteach ris leis a' ghunna. Chan eil agad an uair sin ach dèanamh air do shon fhèin mar is fheàrr a dh' fhaodas tu."

Thog an duine air làrna-mhàireach, agus an uair a choinnich e fhèin agus am mathan, chualas am fuaim a bha seo a-measg nan clach.

"Uist!" ars am mathan, "dè am fuaim a tha siud?"

"Tud," fhreagair an duine, "chan eil ann ach Seumas Sealgair. Tha iad ag ràdh nach eil air an t-saoghal cha cinnteach ris le gunna. Tha mi ag aithneachadh a' ghuth aige."

Chualas guth anns a' choille. "Am faca tu coltas mathain an seo, a Phàdraig?"

"Abair nach fhaca," ars am mathan air a shocair.

"Gu dearbha chan fhaca mise gin," ars Pàdraig.

"Dè tha sin, ma-tà, na sheasamh ri taobh an eich agad?" ars an guth.

"Abair gur e seann stoc craoibhe a tha ann," ars am mathan.

"Tud," ars an duine, "chan eil an sin ach seann stoc craoibhe."

"'S ann a bhios sinne a' leagail chraobhan dhen t-seòrsa sin le ar tuaghan," dh' èigh an guth.

"Leig ort gu bheil thu gam bhualadh," ars am mathan ri Pàdraig.

Thog Pàdraig an tuagh 's thug thu siud dha, agus siud am mathan fuar marbh air an talamh.

Ars am madadh-ruadh an uair sin, "Fanaidh mise an seo gus an toir thu thugam an t-uan. Feuch a-nis gun toir thu thugam fear math reamhar."

Thill an duine dhachaigh, leig e às an t-each agus rinn e airson falbh a-mach. "Càite bheil dùil agad a dhol a-nis?" ars a bhean.

"Tha mi a' dol a dh' iarraidh uan math a bheir mi don mhadadh-ruadh," ars an duine. "Is e fhèin a bha tapaidh. Rinn mi fhìn 's e fhèin an gnothach glan air a' mhathan."

"Gu dearbha fhèin, 's tusa nach dèan sin," fhreagair ise. "Chan fhaigh esan uan no uan an seo. Cuiridh tusa dà chù-sheilge mhath luath ann am poca, agus bheir thu sin thuige."

Shaoil an duine nach b' e droch chomhairle a bha seo idir. Mach a thug e, agus na coin aige ann am poca.

"An tug thu thugam an t-uan?" ars am madadh-ruadh.

"Is mise rinn sin," fhreagair an duine, "thig is thoir leat às a seo e," agus e a' fosgladh a' phoca agus a' leigeil nan con.

"Seadh a-nis," ars am madadh-ruadh ris fhèin agus e na dheann ruith agus na coin air a shàil, "'s ann a-nis a thuigeas tu cho fìrinneach 's a tha am facal Gealltanas math is droch phàigheadh!"

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gealltanas Math is Droch Phàigheadh

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)