Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Nithear Mòran le Spionnadh ach Nithear Tuilleadh le Seòltachd
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_009
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2342
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Nithear Mòran le Spionnadh ach Nithear Tuilleadh le Seòltachd.

Bha siud ann roimhe seann bhoc ris an canadh iad Uilleam Glas. Bha e cho gleusda, glic agus gun do dh' fhàs iad eòlach air anns gach àite air feadh an t-saoghail. Cha robh aon ainmidh eile ann a bha cho ciallach ris agus thug e bàrr air na h-uile ann an seòltachd.

Latha dhe na làithean bha Uilleam a' siubhal nam beann 's e leis fhèin, fada on dachaigh. Gun fhios gun fhàth thàinig stoirm mhòr agus ghabh e steach do uaimh airson fasgadh fhaighinn. Thug e greiseag an sin mun do dh' fhàs a shùilean eòlach air an dorchadas. An uair sin thug e sùil man cuairt air agus nach ann a thug e an aire gu robh an t-àite làn de chnàmhan ainmhidhean! 'S ann an uair sin a thuig e càit an robh e ... ann an garadh leòmhainn!

Cha robh dad a-nis air aire ach teicheadh ach dè chuala e ach beucaich eagalach a chuir na thàmh e leis an eagal. Cò bha seo ach an leòmhann air tilleadh dhachaigh!

"Tha na h-adhaircean agamsa gu math cruaidh agus gu math biorach," thuirt Uilleam Glas ris fhèin, "ach tha eagal orm nach mòr a nì iad dhomh ged a rachainn an sàs anns a' chreutair ghrànda seo. Cha dèan mi an gnothach idir air le neart, ach feuchaidh mi dè nì mi le seòltachd."

A-steach a thàinig an leòmhann, fuar, fliuch agus leis an acras. An uair a chunnaic e am boc stad e greiseag ga choimhead le iongnadh agus an uair sin rinn e airson leum air.

Sa mhionaid thog Uilleam Glas a ghuth agus dh' èigh e àird a chlaiginn, "Nach mise tha math dheth!"

"Thusa math dheth, amadain," fhreagair an leòmhann, "dè idir a tha thu a' ciallachadh? 'S e tha math dheth ach mise. Nach e fortan agus freasdal fhèin a rinn gun d'fhuair mise boc mòr reamhar anns a' gharadh agam agus mi dìreach gus mo tholladh leis an acras!"

"Chan eil an sin ach do bheachd-sa air a' chùis," thuirt am boc. "Saoilidh mise nach eil air an t-saoghal cho math dheth rium fhèin. 'S e sealgair leòmhann a tha annamsa; agus gu dearbha chan ann a h-uile latha a chì mi fear air mo bheulaibh agus e dìreach deiseil airson m' adhaircean a chur an sàs ann!" Agus thòisich Uilleam air dannsa mar gum biodh leis an toileachas.

"Dè bhleadraich gun dòigh, gun chiall a tha ort an sin?" thuirt an leòmhann, "seann bhoc odhar le feusag mhòr ghlas na shealgair leòmhann! Cò riamh a chuala a leithid sin? Cha chreid mise dad dheth co-dhiù!"

"Fuirich thusa ort, a charaid," fhreagair am fear eile. "Chan fhada gus an creid thu e; geallaidh mise sin dhut. Chan fhaca tusa riamh boc a bhios a' marbhadh leòmhann, tha thu ag ràdh. Tha thu ga fhaicinn a-nis, ma tha, agus geallaidh mise dhut nach fhaic thu fear eile. Chan eil dol às agad a-nis. Seachdain bhochd a bh' agamsa gus an seo. Cha do mharbh mi ach ceithir leòmhainn. Is tusa an còigeamh fear."

Sheas Uilleam air a chasan-deiridh agus chrath e a cheann o thaobh gu taobh. Chrom e sìos an uair sin agus thug e leum às a-null far an robh an leòmhann. Chuir seo eagal cho mòr air an fhear sin 's gun do theich e gun dàil, cho luath 's a bha na chorp. Agus cho luath 's a chaidh esan à sealladh siud a-mach am boc, na ruith 's na leum.

An ùine glè ghoirid cò thachair ris an leòmhann ach madadh-allaidh. Thòisich an leòmhann ag innse dha mun bhoc annasach a thachair ris, am fear a bhiodh a' marbhadh nan leòmhann. "Theab e dìreach cur às dhomh," thuirt an leòmhann.

"Tha thu ag ràdh rium," fhreagair am madadh-allaidh, "gur e seann chreutair a bh' ann, le feusag fhada agus sùilean glasa. Ma tha, is fhada o bha mise eòlach air an fhear sin. 'S e bha sin ach Uilleam Glas. Nach e a rinn an t-amadan dhiot! 'S fheàrr dhut tilleadh anns a' bhad agus a mharbhadh." A-mach an dithis air tòir Uilleim. Thug esan sùil air ais agus chunnaic e iad a' tighinn às a dhèidh. Ghabh e eagal gu robh e a-nis caillte; ach cha b'fhada gus an do dh' fhàs e tapaidh a-rithist.

"Chan urrainn dhomh teicheadh orra," thuirt e ris fhèin, "ach chan eil math dhomh a dhol a shabaid riutha; ach chan eil sin ag ràdh nach dèan mi a' chùis orra. Chì sinn dè cho math 's a bhios seòltachd a-rithist!"

Thionndaidh e agus chuir e aghaidh air an dithis aca.

"Dè an obair a tha an seo?" thuirt e ris a' mhadadh-allaidh. "Nach do gheall thusa dhòmhsa dà leòmhann a thoirt thugam? Agus chan eil agad an sin ach aon leòmhann ... agus b' e sin am fear beag, truagh, suarach! Bi falbh às a seo agus faigh leòmhainn eile dhòmhsa gun dàil, air neo cuiridh mise an ceann dhiot. Ach stad dìreach mionaid bheag gus am marbh mi am fear seo."

Thug Uilleam an sin dearg leum air an leòmhann. Ghabh am fear sin eagal a bheatha agus siud e sìos an gleann cho luath 's a ghabhadh dèanamh. Dh' èalaidh am madadh-allaidh truagh a-steach dhan choille. Thill Uilleam Glas dhachaigh gu socair agus gu sàbhailte gu a thaigh agus a theaghlach fhèin.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Nithear Mòran le Spionnadh ach Nithear Tuilleadh le Seòltachd

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)