Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgoil Àiteachais Bhaile Mac Ara - a' togail buntàta
EXTERNAL ID
PC_GRIGOR_17
ÀITE
Baile Mac Ara
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Beatrice Grigor
AITHNEACHADH MAOINE
23429
KEYWORDS
sgoiltean
tuathanachas
àiteachas
Balmacara Agricultural School - potato picking

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn oileanaich aig Sgoil Àiteachais Bhaile Mac Ara a' togail buntàta.

Dh'fhosgail Sgoil Taigh Bhaile Mac Ara, colaiste àiteachais agus gàirnealachd dha balaich aois 16-18, tràth anns na 1950an agus bha i ag obair mar sin gu tràth anns na 1970an. Bha an sgoil air a dèanamh suas den phrìomh thaigh, leas-thogalach a chaidh a chur rithe sna 1950an a bha a' coimhead thar Loch Aillse, agus cuid de threabhairean tuathanais ri taobh Ceàrnag Bhaile Mac Ara. Bha a' mhòr-chuid de leasanan teòiridh air an lìbhrigeadh sa phrìomh sgoil agus bha an ionnsachadh practaigeach, mar tuathanas bheathaichean, dràibheadh thractaran agus treabhadh a' tachairt air na treabhairean agus na h-achaidhean ri taobh na sgoile. Bha toradh bho ghnìomhan tuathanachais nan oileanaich air an cleachdadh san Sgoil agus air an reic ris a' choimhearsnach ionadail.

Bha sgoilearan air an tàladh chun na sgoile à àiteachean mar Arcaibh, Sealtainn, Innse Gall, Siorrachd Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Bha na h-oileanaich air an gabhail a-steach air stèidh còmhnaidh agus mar sin , bha iad nam pàirt den t-sluagh ionadail.

Le na h-oileanaich nam bòrdairean làn-ùine, bha e cudromach gum biodh goireasan cur-seachadan agus deireadh-sheachdain ann, mar taigh-dheilbh agus buidheann oigridh, agus bha an dà chuid air an roinn le òigridh à Baile Mac Ara san t-Seann Mhuileann, a bha na talla a' bhaile aig an àm sin.

B' e Iain Mac Bheathain, ceannard na Sgoile bha 1960-1965, le taic bho bhean a bha mar Bhana-cheannard. Am measg an luchd-teagaisg aig an àm bha Aonghas MacIllEathain, Gilleasbaig MacIllFhinnein, Seumas Friseal agus Raibeart Burr. B' e Seumas Mìcheal gàirnealair na Sgoile agus bha a bhean Joyce an urra ri goireasan nigheadaireachd. B' e Fionnlagh MacLeòid neach-curaim/dorsair na Sgoile, a bha luachmhor dhan Sgoil oir bha e cuideachd a' dràibheadh nan sgoilearan gu àiteachan mun cuairt Bhaile Mac Ara agus a' lìbhrigeadh bathair na Sgoile. Nuair a ghluais Iain MacBheathain gu Sgoil Lawmuir, Siorrachd Lannraig, ann an 1965 ghabh Iain Ros thairis àite ann am Baile Mac Ara.

Am measg nan ceumnaichean sònraichte à Sgoil Taigh Bhaile Mac Ara bha Coinneach MacCoinnich, a bha airson iomadh bliadhna na neach-reiic agus a-nis na mhanaidsear-stiùiridh aig Margaidh Inbhir Pheofharain agus Alasdair Coutts nach maireann, a bha roimhe na mhanaidsear aig Tuathanachas Nàiseanta Greigh nan Tarbh aig Cnoc nan Gàidheal faisg air Inbhir Nis.

Tha togalaichean na Sgoile le an aghaidh ri Loch Aillse, airson grunnan bhliadhnachan air a bhith air an cleachdadh leis a' Chabhlach Rìoghail mar àiteachan còmhnaidh airson trèanadh stèidhichte aig muir.

[Le tainig do Bheatrice Griogair (NicBheathain mus do phòs i) airson an fhiosrachaidh seo]

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgoil Àiteachais Bhaile Mac Ara - a' togail buntàta

ROS: Loch Aillse

sgoiltean; tuathanachas; àiteachas

Beatrice Grigor

Balmacara Agricultural School