Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Duais a' Chait
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_010
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2343
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Duais a' Chait.

Air latha blàth bruthainneach am meadhan an t-samhraidh bha seann duine còir, beannaichte a' dol air turas tron fhàsach. Bha e eagalach sgìth, agus an uair a thàinig e gu àite far an robh preasan beaga a' fàs leig e na shìneadh anns an dubhar, agus ann an ùine ghoirid bha e na throm chadal.

Ach gu dè thachair a bhith a-measg nam preas ach nathair, tè fhada shrianach. Cho luath 's a chunnaic i an seann duine, ghluais i gu socair, sàmhach ga ionnsaigh agus i am beachd a mharbhadh.

Gu fàbharach, thachair gu robh cat a' dol seachad aig an àm. Thug esan an aire don nathair agus sa mhionaid thuig e gu dè bha fainear dhi, agus gu robh an seann duine ann an cunnart a bheatha. Leum e air an nathair, chaidh an dithis aca an sàs na chèile, agus air a' cheann thall rinn an cat an gnothaich agus mharbh e an nathair. Leis gach ùpraid a bha a' dol dhùisg an seann duine agus an uair a thuig e mar a bha cùisean agus an cunnart às an tug an cat e, dh' èigh e air a' chat agus thuirt e ris:

"Sìth gu robh agad! O seo a-mach is ann agad fhèin a bhios a' bhuaidh anns gach cath anns am bi thu; oir chan eil aon chreutair air an t-saoghal a chuireas air do dhruim dìreach thu."

Mar sin bheannaich an seann duine an cat, agus gus an latha an-diugh cha thuit an cat ach air a spògan, ge be dè cho àrd 's a bhios an t-àite às an tuit e.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Duais a' Chait

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)