Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Maighstir agus an Gille
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_011
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2344
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Am Maighstir agus an Gille.

Bha àm ann o chionn fhada anns an robh gainne mhòr, air feadh na tìre. Bha mòran dhaoine a' falbh 's gun car aca ri dèanamh oir cha robh obair ann dhaibh. Bha daoine ann cuideachd a bha a' gabhail brath air cho gann 's a bha an obair agus ged a bha iad a' cur feum air luchd-obrach cha robh iad deònach pàigheadh ceart a thoirt dhaibh. Nam measg bha tuathanach nach gabhadh gille sam bith ach fear a bha deònach fuireach aige fad seachd bliadhna agus nach iarradh de phàigheadh ach na ghlacadh e de shìol na bheul fhad 's a bhiodh e a' bualadh an arbhair anns an t-sabhal.

Cha robh duine deònach obair a ghabhail aige; ach mu dheireadh thuirt e gun toireadh e cead an sìol ud a chur anns an talamh a b' fheàrr a bha aige, agus gun toireadh e seachad na h-eich agus an crann aige fhèin airson an treabhadh a dhèanamh.

Thàinig gille òg a bha deònach an obair a ghabhail air na cùmhnantan seo. 'S e am pàigheadh a bhiodh aige na ghlacadh e de ghràinneanan sìl na bheul fhad 's a bhiodh e a' bualadh an arbhair anns an t-sabhal. Bha cead gu bhith aige an sìol sin a chur anns an talamh a b' fheàrr a bha aig an tuathanach, na dh' fhàsadh às an t-sìol sin a ghleidheadh agus na ghlacadh e na bheul, fhad 's a bha e a' bualadh anns an t-sabhal, a chur còmhla ris; agus an sìol air fad a chur an ath-bhliadhna anns an talamh a b' fheàrr a bha aig an tuathanach.

Bha a' chùis gu bhith a' dol air adhart mar seo o bhliadhna gu bliadhna, fad nan seachd bliadhna. Mar sin bha gu bhith aige seachd geamhraidhean anns an t-sabhal a' bualadh agus a' glacadh, seachd earraich gu cur, seachd samhraidhean gu fàs, agus seachd foghair gu buain. Na thigeadh às a sin bhiodh e aige dha fhèin air a' cheann thall.

Ghabh an gille an obair agus an uair a bhiodh esan a' bualadh anns an t-sabhal bhiodh a mhaighstir daonnan a' bualadh còmhla ris. Cha do ghlac e an geamhradh sin ach trì gràinneanan sìl - ach ghlèidh e gu cùramach iad gus an tàinig an t-earrach, agus chuir e iad anns an talamh a b' fheàrr a bha aig a' bhodach.

Dh' fhàs na trì gràinneanan agus thug iad a-mach trì diasan, agus air gach aon dhiubh sin bha caogad gràinnean math sìl. Ghlèidh an gille iad sin gu cùramach agus bha e a' cur còmhla riutha gach sìlean mar a ghlacadh e na bheul fhad 's a bha e a' bualadh anns an t-sabhal.

An ath earrach chuir e a h-uile gin a bh' ann. An uair a thàinig am foghar bha an toradh a cheart cho math 's a bha e air a' bhliadhna roimhe sin. Lean an gille air an obair sin, o bhliadhna gu bliadhna. Air a' bhliadhna mu dheireadh bha de shìol aige na chuir a h-uile òirleach fearainn a bha aig a' bhodach, agus còrr fhàgail.

B' fheudar don bhodach màl a phàigheadh don tuathanach a b' fhaisge dha airson talamh fhaighinn anns an cuireadh an gille an còrr sìl a bh' aige. Cha mhòr nach robh am bodach air a chreachadh buileach glan agus chuir e roimhe nach dèanadh e bargan dhen t-seòrsa ud ri seirbhiseach tuilleadh. Agus cha do rinn e sin.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Maighstir agus an Gille

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)