Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abaid na Manachainn
EXTERNAL ID
PC_GWW_02
ÀITE
A' Mhanachainn
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Buidheann Dualchais Cille Mhòraig
AITHNEACHADH MAOINE
23453
KEYWORDS
dealbhadairean
dealbhadaireachd
abaidean
manaich
Beauly Priory

Bha Seòras Washington MacUilleim (1823-1893) na dhealbhadair stèidhichte ann an Obar Dheathain a shiubhail air feadh Alba is thall-thairis a' togail dhealbhan den dùthaich mun cuairt, agus a' cleachdadh seòmar-dorcha ri-giùlan. Thog e dealbhan den Bhàn-righ Bhictoria, is fhuair e coimisean bhuaipe a chum ath-thogail Baile Mhoireil a chlàradh ann an dealbhan. 'S e thog an dealbh tha seo.

Tha an dealbh seo a' sealltainn Abaid na Manachainn, dachaigh mhanaich Frangach - na Valliscaulians - anns an 12mh linn. Tha an t-ainm Beurla airson na Manachainn (Beauly), a' tighinn on Fhrangais 'beau lieu' no 'àite bòidheach'. Thuit an Abaid ann an droch staid nuair a sguir iad ga cleachdadh an dèidh an Ath Leasachaidh, is bha cuid de chlachan na h-abaid air an cleachdadh ann an togalaichean eile sa bhaile. Ann an 1564, dh'fhuirich Màiri, Ban-rìgh na h-Alba anns an abaid nuair a bha i a' siubhal air a' Ghàidhealtachd.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun Mhanachainn aig www.kilmorack.com, Comann Dualchais Cille Mhòraig, a thug an dealbh seo dhuinn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abaid na Manachainn

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

dealbhadairean; dealbhadaireachd; abaidean; manaich

Buidheann Dualchais Cille Mhòraig

Bha Seòras Washington MacUilleim (1823-1893) na dhealbhadair stèidhichte ann an Obar Dheathain a shiubhail air feadh Alba is thall-thairis a' togail dhealbhan den dùthaich mun cuairt, agus a' cleachdadh seòmar-dorcha ri-giùlan. Thog e dealbhan den Bhàn-righ Bhictoria, is fhuair e coimisean bhuaipe a chum ath-thogail Baile Mhoireil a chlàradh ann an dealbhan. 'S e thog an dealbh tha seo.<br /> <br /> Tha an dealbh seo a' sealltainn Abaid na Manachainn, dachaigh mhanaich Frangach - na Valliscaulians - anns an 12mh linn. Tha an t-ainm Beurla airson na Manachainn (Beauly), a' tighinn on Fhrangais 'beau lieu' no 'àite bòidheach'. Thuit an Abaid ann an droch staid nuair a sguir iad ga cleachdadh an dèidh an Ath Leasachaidh, is bha cuid de chlachan na h-abaid air an cleachdadh ann an togalaichean eile sa bhaile. Ann an 1564, dh'fhuirich Màiri, Ban-rìgh na h-Alba anns an abaid nuair a bha i a' siubhal air a' Ghàidhealtachd.<br /> <br /> Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun Mhanachainn aig www.kilmorack.com, Comann Dualchais Cille Mhòraig, a thug an dealbh seo dhuinn