Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sprèidh air am buachailleachd don Làraich Reic aig Gèirinis, Uibhist a Deas
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_001
ÀITE
Gèirinis
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23456
KEYWORDS
stoc
crodh
crodh Gàidhealach
crodh dubh
Shorthorns
Cattle being driven to the Stance Sale at Gerenish (Gerinish), South Uist

San dealbh-camara seo chithear sprèidh air am buachailleachd don làraich reic aig Gèirinis, Uibhist a Deas.

A rèir an New Statistical Account (1834-45) b' e crodh dubh a bh' anns a' mhòr-chuid den chrodh ann an Uibhist a Deas - sliochd beag, tapaidh a bha air tighinn o sheann treubhan Ceilteach. Ann am meadhan an ochdamh linn deug chaidh gnè ruadh/donn na bu mhotha a thoirt a-steach à Siorrachd Pheairt a' leantainn a' ghnè a tha aithnichte an-diugh le adhaircean mòra agus còmhdach molach air. B' e an dath ruadh/donn am prìomh sheòrsa agus an-diugh 's e an dath as cumanta a th' ann. Tha crodh Gàidhealach a' tighinn beò air talamh truagh agus ann an aimsir thruagh far nach mair gnè eile. Tha iad ainmeil airson cho fad 's a mhaireas iad agus cho furasta 's a tha iad ri làimhseachadh agus bidh iad a' toirt feòil a tha anabarrach maoth agus gun mòran reamhrad agus a tha làn protain agus iarainn. 'S ann leis an ainm "Kyloes" a thathar eòlach air crodh Gàidhealach anns na h-Eileanan an Iar agus pàirt de thaobh an Iar na h-Alba.

Anns an fhicheadamh linn thòisich luchd-gnè an Shorthorn ri bhith gan ris a' chrodh Ghàidhealach agus mar sin 's docha gu bheil measgachadh sa chrodh anns an dealbh seo. Anns an Treas Statistical Account (1957) chaidh crodh ann an Uibhist a Deas a mhìneachadh mar Shorthorn Cross no Crodh Gàidhealach cross anns a' chumantas. 'S e fear de na ginealaich as sine a th' anns an Shorthorn à taobh tuath Sasainn. Bidh laogh a bhios air a thogail air bainne bò Ghàidhealaich le measgachadh shorthorn, a' toirt barrachd feòla.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sprèidh air am buachailleachd don Làraich Reic aig Gèirinis, Uibhist a Deas

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

1930an

stoc; crodh; crodh Gàidhealach; crodh dubh; Shorthorns

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs

San dealbh-camara seo chithear sprèidh air am buachailleachd don làraich reic aig Gèirinis, Uibhist a Deas.<br /> <br /> A rèir an New Statistical Account (1834-45) b' e crodh dubh a bh' anns a' mhòr-chuid den chrodh ann an Uibhist a Deas - sliochd beag, tapaidh a bha air tighinn o sheann treubhan Ceilteach. Ann am meadhan an ochdamh linn deug chaidh gnè ruadh/donn na bu mhotha a thoirt a-steach à Siorrachd Pheairt a' leantainn a' ghnè a tha aithnichte an-diugh le adhaircean mòra agus còmhdach molach air. B' e an dath ruadh/donn am prìomh sheòrsa agus an-diugh 's e an dath as cumanta a th' ann. Tha crodh Gàidhealach a' tighinn beò air talamh truagh agus ann an aimsir thruagh far nach mair gnè eile. Tha iad ainmeil airson cho fad 's a mhaireas iad agus cho furasta 's a tha iad ri làimhseachadh agus bidh iad a' toirt feòil a tha anabarrach maoth agus gun mòran reamhrad agus a tha làn protain agus iarainn. 'S ann leis an ainm "Kyloes" a thathar eòlach air crodh Gàidhealach anns na h-Eileanan an Iar agus pàirt de thaobh an Iar na h-Alba.<br /> <br /> Anns an fhicheadamh linn thòisich luchd-gnè an Shorthorn ri bhith gan ris a' chrodh Ghàidhealach agus mar sin 's docha gu bheil measgachadh sa chrodh anns an dealbh seo. Anns an Treas Statistical Account (1957) chaidh crodh ann an Uibhist a Deas a mhìneachadh mar Shorthorn Cross no Crodh Gàidhealach cross anns a' chumantas. 'S e fear de na ginealaich as sine a th' anns an Shorthorn à taobh tuath Sasainn. Bidh laogh a bhios air a thogail air bainne bò Ghàidhealaich le measgachadh shorthorn, a' toirt barrachd feòla.