Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fèill-chruidh na Manachainn
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_002
ÀITE
A' Mhanachainn
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
19c
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23457
KEYWORDS
margadh cruidh
margaidhean
cruinneachadh
The Beauly Tryst

San dealbh seo chithear fèill-chruidh ann an ceàrnag na Manachainn anmoch san 19mh linn.

Tha na sgàilean fada ag innse gu bheil e fada dhan fheasgar, 's a' mhargadh gu bhith seachad. Tha crodh agus grunnan luchd-reic ann fhathast.

Fad ceudan bhliadhnachan, bha fèilltean cruidh, agus mu dheireadh fèilltean chaoraoch, air an cumail air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Cha robh cròthan aig na margaidhean sin. Chumadh dròbhairean an stoc fhèin cruinn còmhla le cuideachadh clann an àite agus chon. Bha reic air a dhèanamh le baraganachadh dìomhair. Bha a' phrìomh fhèill chruidh air Ghàidhealtachd air a cumail an toiseach sa Mhanachainn, ach timcheall air 1820 chaidh a gluasad dhan Bhlàr Dhubh. A-mach bho na 1860an ghabh margaidhean ruip àite nam fèilltean.

Bha crodh agus caoraich air an iomain gu na margaidhean le na dròbhairean, agus aon uair 's gun robh iad air an reic, bha iad air an iomain gu deas gu na maragaidhean aig Craoibh no an Eaglais Bhric agus an uair sin a Shasainn.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fèill-chruidh na Manachainn

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

19c

margadh cruidh; margaidhean; cruinneachadh;

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs