Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uain bhoireann, Àrdshràid Inbhir Pheofharain, 1950an
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_004
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23459
KEYWORDS
beathaichean
caora
caoraich
clòimh
gnìomhachas na clòimhe
margaidhean sprèidh
leasachadh àiteachais
Ewe Lambs, Dingwall High Street, 1950s

San dealbh-chamara seo chithear uain bhoireann gam buachailleachd sìos Àrdshràid Inbhir Pheofharain. 'Se caoraich dhubha (le aodainnean dubha) an seòrsa caoraich as cumanta a th' air a' Ghàidhealtachd, ach 's cinnteach gur e caoraich mhaola ('Cheviot') o Shasainn a Tuath a tha san fheadhainn seo.

Chaidh a' ghnè seo a thoirt a-steach don Ghàidhealtachd le Sir Iain MacnaCeàrdaich às Ulbastair, neach-leasachaidh ainmeil an àiteachais a chuidich le stèidheachadh Comann na Clòimh Breatannaich ann an 1791. Rinn e seo mar thoradh air cho truagh 's a bha na caoraich Bhreatannach air fàs, a' fàgail gnìomhachas na clòimhe a' toirt a-steach a' chuid a bu mhotha den chlòimh aca bho thall-thairis.

Chaidh deuchainnean a dhèanamh le iomadh gnè caora agus lorg iad gur e gnè mhath a bha sna "long hill sheep" a bha ran lorg air cnuic nan Cheviots a tha a' sgaoileadh thar chrìochan Shasainn is Alba. Thug MacnaCeàrdaich leis 500 ceud de na caoraich seo dha oighreachd ann an Gallaibh, agus shoirbhich leis cho math leotha 's gun deach mìltean de na beathaichean sin a cheannach le luchd-seilbh fearainn.

Ann an Inbhir Pheofharain sna 1950an, nuair a chaidh an dealbh seo a thogail, bha rupan ann do chaoraich is do sprèidh a h-uile Diciadain agus uaireannan Disathairne cuideachd, a' tarraing a-steach sluagh mòr de thuathanaich agus de mhuinntir na dùthcha don bhaile. Bha Inbhir Pheofharain a-riamh, agus tha fhathast, na phrìomh àite reic na gnè caoraich seo.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uain bhoireann, Àrdshràid Inbhir Pheofharain, 1950an

ROS: Inbhir Pheofharain

1950an

beathaichean; caora; caoraich; clòimh; gnìomhachas na clòimhe; margaidhean sprèidh; leasachadh àiteachais

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs