Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Damh agus an t-Asal
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_012
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2346
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

An Damh agus an t-Asal.

Thachair do dhamh agus do dh' asal a bhith air an aon tuathanas ann an dùthaich anns an àird an ear. Cha robh aig an damh bhochd ach saoghal truagh dheth, oir bha e ag obair a h-uile latha anns na h-achaidhean, o mhoch gu dubh. Cha b' e sin idir don asal e. 'S ann a dh'fhaodadh esan fois a ghabhail fad an latha nan togradh e, gu seasgair, cofhartail anns an stàball; 's ann uair ainneamh a bha car idir aige ri dhèanamh ach dìreach gu feumadh e an-dràsta 's a-rithist a mhaighstir a thoirt don bhaile agus air ais dhachaigh.

An latha bha seo thuirt an damh ris an asal: "Ciamar idir a tha cothrom agadsa do shaoghal a chur seachad cho socair, gun char agad ri dhèanamh, agus mise ga mo mharbhadh le obair? Seall thusa cho caol agus cho truagh 's a tha mi, agus tu fhèin cho reamhar ri ròn agus cho sleamhainn ri botal. Chan eil an rud a th' ann ceart idir agus tha an t-àm stad a chur air."

Chuir an t-asal car dheth fhèin gu socair anns a' chònnlaich, rinn e gàire beag agus thuirt e: "Chan eil thu gun adhbhar ghearain idir, a charaid. Tha fada cus agad ri dhèanamh gun teagamh sam bith. Ach innsidh mise dhut dè nì thu. Leig thusa ort nach eil thu gu math agus cha tig ort aon char obrach a dhèanamh ...treabhadh no cliathadh no falbh le cairt."

Rinn an damh dìreach mar a dh'iarr a chompanach air. An ath mhadainn leig e air gu robh e tinn. Cho luath 's a nochd an tuathanach thòisich e air gearan agus air ochanaich; agus leig e na shìneadh air an làr mar nach biodh cothrom aige e fhèin a ghluasad.

"Feumaidh e bhith nach eil an truaghan gu math an-diugh," ars an tuathanach ris fhèin, "agus is beag an t-iongnadh. Tha e air a shàrachadh le obair. Leigidh mi fois leis an-diugh. Ach ciamar idir a-nist a nì mi an treabhadh? Chan eil air ach an t-asal a chur anns a' chrann. Tha an t-àm aigesan beagan obrach a dhèanamh co-dhiù. Tha e fada ro reamhar."

A-mach do na h-achaidhean a thugadh an t-asal. Chaidh a chur anns a' chrann agus b' fheudar dha tòiseachadh air treabhadh. Bha e ris an obair sin fad an latha agus an damh gu dòigheil a' gabhail fois anns an stàball. Faodaidh sinn a bhith cinnteach nach ann ro mhath a chòrd an latha ris an asal. Mus tàinig beul na h-oidhche bha e air a chlaoidh le sgìos, agus chuir e roimhe nach robh latha dhen t-seòrsa seo gu bhith aigesan tuilleadh.

Cho luath 's a fhuair e fa sgaoil chaidh e dìreach far an robh an damh agus ars esan ris, "Tha e feumail dhutsa gu bheil cluasan biorach ormsa agus gu bheil comas agam rabhadh a thoirt dhut. Bheil fhios agadsa gu dè chuala mi an tuathanach ag ràdh ri bhean an-diugh? 'Mura fàs an damh ud nas fheàrr a dh'aithghearr tha droch eagal orm gu feum sinn cur às dha.'"

Chuir seo eagal dearg a bheatha air an damh. Bha e air a chasan ann an tiotan agus thug e taing chridheil don asal airson rabhadh cho feumail a thoirt dha. An ath mhadainn, an uair a nochd an tuathanach, cha do leig e air tuilleadh nach robh e gu math. Chaidh e air a chasan gun dàil agus ghabh e a-mach gu toilichte a dh'obair anns na h-achaidhean. Na bheachd fhèin 's ann a chaidh sàbhaladh miorbhaileach air. Rinn an t-asal gàire beag socair leis fhèin 's e gabhail fois anns an stàball. "Rinn mise m' uile dhìcheall gus a chuideachadh," ars esan, "ach cha mhòr a rinn sin dha. Chan eil teagamh sam bith nach fheum cuid de chreutairean a bhith ag obair gu cruaidh. Chan eil dol às aca bhuaithe."

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Damh agus an t-Asal

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)