Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crodh gan dròbhadh faisg air Sgèabost a' dol gu Port Rìgh
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_006
ÀITE
Sgeabost
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Highland Livestock Heritage Society
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23462
KEYWORDS
crodh
dròbhadh
stoc
Margaidhean
rathaidean dròbh
Cattle being driven near Skeabost, heading for Portree

Tha an crodh anns an dealbh seo air an robh daoine measail bhon na 1930an gan dròbhadh a-null an rathad gu Port Rìgh. Tha an t-àite seo faisg air an t-seann sgaoil ann am Beàrnasdal agus chithear Loch Snìothasort an an cùl an deilbh. A rèir coltais tha a' chuid mhòr de na beathaichean den ghnè molach Gàidhealach. B' àbhaist dha bian dorch, cha mhòr dubh, a bhith air na beathaichean sin ach an-diugh tha iad ruadh no bàn sa chumantas.

Dh'fhaodadh gu bheil an treud air dhèanamh suas de chrodh bhon ghrunnan chroitean anns na ceàrnaidhean as iomallaiche den Eilean Sgitheanach, 's dòcha Bhatairnis, Dùn Bheagan agus Gleann Dail, a' dol gu margaidh chruidh ann am Port Rìgh.

Bha e riatanach do mhòran theaghlaichean Gàidhealach a bhith a' reic beagan chrodh gach bliadhna. Chan e a-mhàin gun robh an teachd-a-steach cudromach, ach cha chumadh am fearann ionaltraidh a bha an ìre mhath truagh treudan mòra. Dheigheadh àireamhan beaga de na beathaichean a cheannach bho chroitearan anns na ceàrnaidhean iomallach agus le bhith a' dèanamh seo chruinnicheadh na dròbhairean, mean air mhean, treud chudromach thar beagan sheachdainean.

Aig aon àm , bha crodh às na h-Eileanan A-muigh air an gluasad air bàta dhan Eilean Sgitheanach. An sin dheigheadh iad còmhla ri stoc às an eilean sin agus le chèile dheigheadh na treudan mòra sin a dhròbhadh sìos chun a' chaolas chumhang aig Gleann Eilg far an deigheadh am brosnachadh gus snàmh a-null gu tìr-mòr. Bha an crodh an uair sin a' coiseachd thar na slighean dròbhaireachd traidiseanta gu na margaidhean no na fèillean anns A' Mhanachainn, Craoibh no An Eaglais Bhreac. Lean an cleachdadh seo airson faisg air 200 bliadhna gus an tug an rèile dòigh eile na bu luaithe.

Le adhartas ann an còmhdhail rathaid agus rèile, bha fèillean-reic chruidh beaga a' tachairt ann an diofar cheàrnaidhean den Eilean Sgitheanach agus bha na beathaichean air an giùlan air làraidh gu na margaidhean air tìr-mòr. Bha crodh bho na h-Eileanan A-muigh air an toirt chun an stèisean rèile a b' fhaisge air bàta agus an uair sin bha iad a' dol chun na margaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crodh gan dròbhadh faisg air Sgèabost a' dol gu Port Rìgh

INBHIR NIS: Snìothasort

1920an

crodh; dròbhadh; stoc; Margaidhean; rathaidean dròbh

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs