Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Na Daoine Glice
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_014
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2347
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Na Daoine Glice.

Bha siud ann roimhe a' fuireach ann am baile beag feadhainn a bhiodh a' dèanamh rudan cho gòrach agus cho neònach agus gun tug iad "Na daoine glice" orra.

Bu toigh leis na daoine glice seo a bhith a' cluinntinn na cuthaig a' seinn. Nis, anns an dùthaich againne cha bhi a' chuthag a' seinn ach dìreach ann am mìos no dhà aig toiseach an t-samhraidh. Ach bha na daoine glice ag iarraidh a bhith ga cluinntinn o cheann gu ceann dhen bhliadhna, agus mu dheireadh rinn iad suas gu feuchadh iad ri toirt oirre a bhith a' seinn gun sgur.

Chruinnich iad uile còmhla ann am pàirc faisg air a' bhaile anns an robh iad a' fuireach. Bha craobhan mòra àrda a' fàs ceithir thimcheall na pàirce seo. A chionn 's gu robh bha na daoine bochda an dùil nach robh dòigh a-nis air faighinn a-mach às a' phàirce no a-steach innte. An sin, ghlac iad cuthag agus chuir iad a-steach dhan phàirce i. "'S fheàrr dhutsa fuireach an sin tuilleadh," thuirt iadsan, "agus a bhith a' seinn dhuinne fad na bliadhna, no chan fhaigh thu dad ri ithe."

Cho luath 's a bha a' chuthag anns a' phàirce dh' èirich i air iteig agus a-mach i do na coilltean. Sheas na daoine glice greiseag bog balbh a' coimhead air a chèile le uabhas. An sin, thuirt fear dhiubh, "Nach smaoinich thusa air a sin! Feumaidh nach robh na craobhan àrd gu leòr."

Latha dhe na làithean, dh' fhalbh fear dhe na daoine glice dhan bhaile mhòr agus cheannaich e stòl air an robh trì chasan. Dh' fhalbh e dhachaigh gu sunndach leis an stòl ach an ceann greise 's ann a dh' fhàs e sgìth. Chuir e an stòl sìos air an talamh agus shuidh e fhèin ri a thaobh. An sin chuir e aghaidh air an stòl agus thuirt e ris: "Nach tu fhèin a tha leisg! Tha trì chasan ortsa 's chan eil orm fhìn ach a dhà. Mar sin, tha thusa mòran nas fheàrr air coiseachd na mise. Faodaidh tu dìreach a dhol dhachaigh leat fhèin, ma tha."

Thog e air an uair sin agus dh' fhàg e an stòl an siud agus chaidh e fhèin dhachaigh. Bha a bhean a' feitheamh ris, na seasamh aig doras a' bhothain anns an robh iad a' fuireach.

"Càite bheil an stòl a bha thu a' dol a thoirt thugam?" dh' fhaighnich ise. Cha robh fhios aig a' bhodach bhochd dè chanadh e an uair a chuala e seo.

"Dè tha thu a' ciallachadh?" thuirt e. "Tha fios is cinnt gu bheil e an seo a-nis! Tha trì chasan air, nach eil? Chan eil ormsa ach a dhà. Bha mise an dùil gu ruigeadh e an taigh gu math na bu luaithe na mi fhìn. Bha còir aige a bhith an seo o chionn fhada."

"A dhuine gun fheum agus gun dòigh," thuirt a bhean agus i cho crosta; agus a-mach a ghabh i feuch am faigheadh i an stòl. Fhuair i e ceart gu leòr, dìreach far na dh' fhàg esan e agus thog i leatha dhachaigh e ... agus shuidh am bodach air.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Na Daoine Glice

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)