Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fèill-reic Chruidh, Eàrlais, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_022
ÀITE
Eàrlais
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
LINN
1950an
CRUTHADAIR
Highland Livestock Heritage Society
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23476
KEYWORDS
crodh
dròbhaireachd
stoc
croitearachd
rupan
margaidhean chruidh
fèillean-reic chruidh
Cattle Sale, Earlish, Skye

Tha na dealbh camara seo a' sealltainn fèill-reic chruidh ann an Eàrlais san Eilean Sgitheanach, a-rèir coltais aig deireadh na 1950an. Tha an rupaire a' stiùireadh ghnothaichean le a bhata fhad 's a tha croitearan ionadail agus luchd-ceannach à Sruighlea a' coimhead.

Am measg na tha an làthair tha Donnchadh MacLaomainn à Stafainn (aig a' chùl agus grèim aige air bata), Iain Peutan à Ùige (air làmh dheas an rupaire), agus luchd-ceannach Mgr Stark agus Tòmas Adam (bonn-clì le an cùl ris a' chamara). Cuideachd am measg an t-sluaigh tha Bh.ph A NicDhòmhnaill à Eàrlais, BH.ph Ros à Ùige, Rod Ma'IllEathain à Cille Mhoire agus Ailig MacLeòid à Srafainn.

Chaidh an crodh a chaidh a cheannach a thional an dèidh làimh agus an gluasad gu tìr-mòr air làraidh. Ghluaiseadh an luchd-ceannach air adhart chun an ath fèill-reic.

Bha e riatanach do mhòran theaghlaichean Gàidhealach a bhith a' reic beagan chrodh gach bliadhna. Chan e a-mhàin gun robh an teachd-a-steach cudromach, ach cha chumadh am fearann ionaltraidh a bha an ìre mhath truagh treudan mòra. Dheigheadh àireamhan beaga de na beathaichean a cheannach bho chroitearan anns na ceàrnaidhean iomallach agus le bhith a' dèanamh seo chruinnicheadh na dròbhairean, mean air mhean, treud chudromach thar beagan sheachdainean.

Aig aon àm , bha crodh às na h-Eileanan A-muigh air an gluasad air bàta dhan Eilean Sgitheanach. An sin dheigheadh iad còmhla ri stoc às an eilean sin agus le chèile dheigheadh na treudan mòra sin a dhròbhadh sìos chun a' chaolas chumhang aig Gleann Eilg far an deigheadh am brosnachadh gus snàmh a-null gu tìr-mòr. Bha an crodh an uair sin a' coiseachd thar na slighean dròbhaireachd traidiseanta gu na margaidhean no na fèillean anns A' Mhanachainn, Craoibh no An Eaglais Bhreac. Lean an cleachdadh seo airson faisg air 200 bliadhna gus an tug an rèile dòigh eile na bu luaithe.

Le adhartas ann an còmhdhail rathaid agus rèile, bha fèillean-reic chruidh beaga a' tachairt ann an diofar cheàrnaidhean den Eilean Sgitheanach agus bha na beathaichean air an giùlan air làraidh gu na margaidhean air tìr-mòr. Bha crodh bho na h-Eileanan A-muigh air an toirt chun an stèisean rèile a b' fhaisge air bàta agus an uair sin bha iad a' dol chun na margaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fèill-reic Chruidh, Eàrlais, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Snìothasort

1950an

crodh; dròbhaireachd; stoc; croitearachd; rupan; margaidhean chruidh; fèillean-reic chruidh;

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs