Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cò 's fheàrr làmh air an stiùir?
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_015
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2349
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Cò 's fheàrr làmh air an stiùir?

Bha siud ann roimhe duine crosda a bhiodh a' gearan gun sgur air an obair a bhiodh a bhean a' dèanamh. Bhiodh e ag ràdh nach b' aithne dhi aon char dòigheil a dhèanamh a-muigh no a-staigh. Am feasgar a bha seo, aig àm a bhith a' gearradh an fheòir, thàinig fear-an-taighe dhachaigh agus fìor dhroch shunnd air. Cha do rinn e ach gearan is trod fad an fheasgair.

"Carson a-nis a tha thu fhèin cho crosda sin, a dhuine?" ars a bhean ris. "Innsidh mise dhut dè nì sinn. Thèid mise a-mach a-màireach agus gearraidh mi am feur. Fanaidh tu fhèin a-staigh agus gabhaidh tu cùram an taighe."

Shaoil esan gun còrdadh seo ris glè mhath, agus thuirt e gu robh e làn thoilichte. Rinn iad moch-eirigh an ath mhadainn. Thog bean-an-taighe oirre, agus speal air a gualainn. Ghabh i a-mach dhan achadh agus thòisich i air spealadh. Dh' fhuirich esan aig an taigh, a' gabhail cùram an taighe agus a' dèanamh na h-obrach.

A' chiad char a bha aige ri dhèanamh 's e am maistreadh; ach an dèidh dha a bhith greiseag ris an obair seo, thàinig am pathadh air agus chaidh e a-mach gu cùl an taighe gus deoch uisge a thoirt às a' bharaille a bha aige an sin. Bha e dìreach a' toirt thuige an uisge an uair a chuala e fuaim eagalach anns a' chidsin. Dè bha seo ach tè dhe na mucan aige air tighinn a-steach, agus i a' rùrach air feadh an àite! Steach leis, cho luath 's a bha na chorp, eagal 's gu leagadh i an crannachan air. Ach bha an crannachan an siud na shìneadh air an làr agus a h-uile deur uachdair air a dhòrtadh às. Thug esan leum às dèidh na muice, ach cha do rug e idir oirre. Chuimhnich e an uair sin air a' bharaille uisge, ach bha e tuilleadh is anmoch! Cha robh aon bhoinne air fhàgail. Bha e fuar, falamh.

An sin, chaidh an duine truagh a dh' iarraidh tuilleadh uachdair. Lìon e an crannachan a-rithist, agus thòisich e air maistreadh as ùr. Cha robh e fada ris an obair seo an uair a chuimhnich e gu robh a' bhò fhathast gun an leigeil a-mach 's i gun dad fhaighinn ri ithe no ri òl ged a bha meadhan-latha ann. Smaoinich e gu robh e ro anmoch airson a cur dhan mhachair, oir bha an t-astar ro fhada. Dhèanadh i an gnothach glè mhath air mullach an taighe. 'S e tughadh a bh' air an taigh, agus bha feur gu leòr a' fàs air a' mhullach aige!

Ach cha robh math dha an crannachan fhàgail, oir bha an leanabh a' sporghail air feadh an àite.

"Ma dh' fhàgas mise an crannachan," ars esan, "cho cinnteach 's a tha mi beò leagaidh am fear beag e."

Cha robh dad na b' fheàrr na an crannachan a chur air a mhuin, agus a-mach a ghabh e leis. Ach smaoinich e an uair sin gu feumadh a' bhò deoch uisge fhaighinn mus cuireadh e air an tughadh i. Thug e leis cuinneag gus uisge thoirt às an tobair, ach an uair a chrùb an duine truagh sìos ri taobh na tobrach siud an t-uachdar a-mach às a' chrannachan agus sìos dhan tobar.

Bha àm dìnnearach a-nise gu bhith ann 's gun ghuth air biadh a dheasachadh. Thug e thuige a' phoit-bhrochain, lìon e i le uisge, agus chroch e i os cionn an teine.

Bhuail an t-eagal e an sin gu faodadh a' bhò tuiteam o mhullach an taighe 's gum briseadh i a cnàmhan. Suas leis gu mullach an taighe. Chuir e ceann na ròpa mu amhaich na bà agus leig e an ceann eile sìos an simileir. Chrom e sìos an sin agus cheangail e ceann na ròpa mu a chois.

Thòisich e an sin air a' mhin-choirce a chur mun cuairt anns a' phoit-bhrochain ach an uair a bha e an sàs anns an obair seo thuit a' bhò a-nuas o mhullach an taighe agus siud esan suas an simileir. Bha an duine truagh an sin gun chothrom gluasad, agus a' bhò crochte san èadhar eadar ùir agus adhar, gun chomas a dhol suas no tighinn a-nuas.

Bha nise an ùine a' ruith gu luath agus ise a' feitheamh 's a' feitheamh gus an tigeadh esan a dh' innse dhi gu robh an dìnnear deiseil. Ach ged a bhiodh ise a' feitheamh fhathast cha tigeadh e. Mu dheireadh thuirt i gu robh e pailt cho math dhi tilleadh dhachaigh. An uair a chunnaic am boireannach bochd a' bhò an crochadh ri mullach an taighe dè rinn i ach gabhail thuice 's an ròpa a ghearradh leis an speal ... agus siud fear-an-taighe air a cheann dìreach anns a' phoit-bhrochain!

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cò 's fheàrr làmh air an stiùir?

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)