Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Rìgh agus an Duine Onarach
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_016
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2350
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

An Rìgh agus an Duine Onarach.

O chionn fhada an t-saoghail, ann an rìoghachd anns an àird an ear, bha an rìgh a' feuchainn ri duine onarach a lorg a thogadh na cìsean bhon t-sluagh. Cha robh fhios aige ciamar idir idir, no càite air an t-saoghal mhòr, a gheibheadh e duine a bhiodh freagarrach airson na h-obrach seo. Tha na daoine onarach, tha sibh a' tuigsinn, a cheart cho gann thall an siud 's a tha iad anns an dùthaich againn fhìn agus anns a h-uile àit' eile. Ach co-dhiù no co-dheth, mu dheireadh thall, dh' iarr e comhairle air seann charaid dìleas dha fhèin. Cha robh am fear sin fada ag innse dha dè bu chòir dha a dhèanamh.

"Cuireadh sibhse fios a-mach air feadh na dùthcha gu bheil fear a dhìth oirbh a thogas na cìsean dhuibh," thuirt a charaid ris an rìgh. "Thoiribh cuireadh dhan a h-uile duine a bhios ag iarraidh na h-obrach a thighinn dhan phàileis air oidhche àraidh. Taghaidh mi fhìn duine onarach dhuibh às a' chuideachd sin."

Ghabh an rìgh a' chomhairle seo gu deònach, toilichte. Air an fheasgar a chaidh a chur a-mach chruinnich buidheann mhòr de dhaoine dhe gach seòrsa aig a' phàileis. Bha a h-uile fear dhiubh an dùil gur e fhèin a gheibheadh an obair.

Chaidh iarraidh orra uile a dhol a-steach far an robh an rìgh. Mus ruigeadh iad an seòmar mòr rìoghail dh' fheumadh iad, fear an dèidh fir, a dhol tro sheòmar beag, càol, cumhang, dorcha. Cho luath 's a bha na fir uile cruinn còmhla air beulaibh an rìgh chuir caraid an rìgh cagar gu socair na chluais.

"Iarraibh orra a dhol a dhannsa," thuirt e.

"A' chiad rud a tha agaibh ri dhèanamh 's e a dhol a dhannsa," thuirt an rìgh. "Siud sibh, ma tha, tòisichibh. Siud sibh, dannsadh a h-uile duine agaibh."

Is neònach agus is annasach an rud a thachair a-nis. Cha robh duine an siud, a-measg na cuideachd air fad, nach tàinig nàire air, agus nach tuirt gum b' fheàrr leis gun sin a dhèanamh idir - ach aon duine a-mhàin a rinn dìreach mar a chaidh iarraidh air. Thòisich esan air dannsa gu sunndach.

"Sin agaibh a-nis," thuirt a charaid ris an rìgh, "an duine onarach a bha sibh a' lorg. Nì esan an obair gu dòigheil agus gu dìleas. Geallaidh mise sin dhuibh."

"Ach ciamar a tha fhios agad air sin?" dh' fhaighnich an rìgh.

"Tha dìreach mar seo," fhreagair am fear eile. "Innsidh mise dhuibhse mar a thachair an seo a-nochd. Chuir mise anns an t-seòmar bheag chaol chumhang sreath de phocannan làn airgid. Thàinig na daoine seo a-steach, fear an dèidh fir, agus duine mar a thigeadh bha e a' lìonadh a phòcaidean às na pocannan-airgid ... seadh, a h-uile duine ach am fear seo a bha a' dannsa dhuibh. Chan eil duine onarach an seo ach e fhèin. An uair a dh' iarr sibhse orra a dhol a dhannsa bha eagal am beatha orra sin a dhèanamh, oir bha làn fhios aca an uair a thòisicheadh iadsan air dannsa gun tòisicheadh na buinn a' gliogadaich nam pòcaidean agus gun innseadh sin dhan t-saoghal cho eas-onarach 's a tha iad."

Agus sin agaibhse mar a lorg an rìgh an duine onarach a bha a dhìth air.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Rìgh agus an Duine Onarach

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)