Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fèill-reic Chruidh san t-Sruthan, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_047
ÀITE
An Sruthan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
DEIT
1957
LINN
1950an
CRUTHADAIR
Highland Livestock Heritage Society
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23500
KEYWORDS
crodh
dròbhaireachd
stoc
croitearachd
margaidhean chruidh
fèillean-reic chruidh
rupan
Cattle Sale at Struan, Skye

Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn fèill-reic chruidh anns An -t-Sruthan, air cladach Loch Bracadail san Eilean Sgitheanach. A rèir coltais 's ann aig deireadh A' Chèitein no toiseach an Ògmhios 1957 a a bha seo.

Tha croitearan à bailtean Choill' Ora; Amar; Tobht Ardair; Baile Ghobhainn agus Achadh a' Ghlinn air cruinneachadh airson an fhèill-reic-chruidh, agus b' e tachartas mòr sa choimhearsnachd a bha seo.

Bha luchd-ceannach bho tìr-mòr a' tadhal air an Eilean Sgitheanach agus air na h-Eileanan Siar mu dhà uair sa bhliadhna. Bha iad a' ceannach àireamh beag de chrodh bho chroitearan aig na fèillean-reic ionadail sin agus, mean air mhean, bha iad a' dèanamh treudan mòra a bha an uair sin air an giùlan air bàta gu ceann-uidhe rèile air tìr-mòr. Às an sin bha iad air an toirt gu marghaidhean na bu mhotha.

Bha e riatanach do mhòran theaghlaichean Gàidhealach a bhith a' reic beagan chrodh gach bliadhna. Chan e a-mhàin gun robh an teachd-a-steach cudromach, ach cha chumadh am fearann ionaltraidh a bha an ìre mhath truagh treudan mòra. Dheigheadh àireamhan beaga de na beathaichean a cheannach bho chroitearan anns na ceàrnaidhean iomallach agus le bhith a' dèanamh seo chruinnicheadh na dròbhairean, mean air mhean, treud chudromach thar beagan sheachdainean.

Aig aon àm , bha crodh às na h-Eileanan A-muigh air an gluasad air bàta dhan Eilean Sgitheanach. An sin dheigheadh iad còmhla ri stoc às an eilean sin agus le chèile dheigheadh na treudan mòra sin a dhròbhadh sìos chun a' chaolas chumhang aig Gleann Eilg far an deigheadh am brosnachadh gus snàmh a-null gu tìr-mòr. Bha an crodh an uair sin a' coiseachd thar na slighean dròbhaireachd traidiseanta gu na margaidhean no na fèillean anns A' Mhanachainn, Craoibh no An Eaglais Bhreac. Lean an cleachdadh seo airson faisg air 200 bliadhna gus an tug an rèile dòigh eile na bu luaithe.

Le adhartas ann an còmhdhail rathaid agus rèile, bha fèillean-reic chruidh beaga a' tachairt ann an diofar cheàrnaidhean den Eilean Sgitheanach agus bha na beathaichean air an giùlan air làraidh gu na margaidhean air tìr-mòr. Bha crodh bho na h-Eileanan A-muigh air an toirt chun an stèisean rèile a b' fhaisge air bàta agus an uair sin bha iad a' dol chun na margaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fèill-reic Chruidh san t-Sruthan, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Bracadal

1950an

crodh; dròbhaireachd; stoc; croitearachd; margaidhean chruidh; fèillean-reic chruidh; rupan

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs