Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fèill-reic Chruidh san Eilean Sgitheanach, An t-Ògmhios 1957
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_051
ÀITE
Stafainn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
DEIT
Ògmhios 1957
LINN
1950an
CRUTHADAIR
Highland Livestock Heritage Society
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23504
KEYWORDS
crodh
dròbhaireachd
stoc
croitearachd
margaidhean chruidh
fèillean-reic chruidh
rupan
luchd-poilitigs
Cattle Sale on Skye, June 1957

Chithear am Ball Pàrlamaid airson Siorrachd Inbhir Nis, Col. Niall Mac'IllEathain, a' measgachadh le croitearan agus luchd-ceannach aig fèill-reic chruidh san Ògmhios 1957. 'S dòcha gur e Stafainn, ann an ceann a tuath an Eilean Sgitheanaich, an t-àite a th' ann.

Chithear Col, Mac'IllEathain (29 An t-Samhain 1918 - 17 Ann t-Samhain 1986) an seo air taobh chlì na deilbh camara. Tha e a' caitheamh bonaid agus fèileadh.

Rugadh Liefteanant Còirneal Niall Loudon Desmond Mac'IllEathain D.S.O., air an robh Bilidh Mac'IllEathain, ann an Lunnainn agus fhuair e foghlam ann an Eton ags Sandhurst. An dèidh cùrsa -beatha chliùteach ghluais e gu poilitigs. Ghabh e àite Morair Calum Dùghlas-Hamaltan ann an roinn-phàrlamaid Inbhir Nis, a bha e a' riochdachadh bhon 1954 gu 1964. B' e ball de Phàrtaidh an Aonaidh a bh' ann. Sa Phàrlamaid bha e an sàs ann an Cùisean nan Dùthchannan Cèin sa mhòr-chuid air sgàth an dèidh a sheirbheis armailteach thall-thairis còmhla ri gnìomhachd fiosrachaidh Arm Bhreatainn, gu h-àraidh ann an Albàinia. Bha e mar mheadhan air a bhith a' cur às dha co-mhaoineas anns an dùthaich sin.

Tha an t-sreath aghaidh de dhaoine air an dèanamh suas de, bho chlì gu deas, Niall Mac'IllEathain BP, Todd MacDhòmhnaill às an Eilean Dhubh, neo-aithnichte, Dòmhnall Mac'IllEathain às a' Bhlàr Dhubh, agus Màrtainn MacFhionghain à Cille Mhoire (grèim aige air còta-froise). Air cùlaibh Mgr MacFhionghain tha Dòmhnall Eòghainn Caimbeul à Ùige (air a làimh dheis), agus Iain MacDhòmhnaill à Stafainn (air a làimh chlì).

Tha Dòmhnall MacMhathain agus Uilleam MacDhòmhnaill, an dithis à Stafainn, Aonghas Mac'IllIosa à Lionacro, agus ann an fhìor dheas-chùol an deilbh, Col. Seoc MacDhòmhnaill à Taigh Viewfield ann am Port Rìgh, cuideachd an làthair.

Bha e riatanach do mhòran theaghlaichean Gàidhealach a bhith a' reic beagan chrodh gach bliadhna. Chan e a-mhàin gun robh an teachd-a-steach cudromach, ach cha chumadh am fearann ionaltraidh a bha an ìre mhath truagh treudan mòra. Dheigheadh àireamhan beaga de na beathaichean a cheannach bho chroitearan anns na ceàrnaidhean iomallach agus le bhith a' dèanamh seo chruinnicheadh na dròbhairean, mean air mhean, treud chudromach thar beagan sheachdainean.

Aig aon àm , bha crodh às na h-Eileanan A-muigh air an gluasad air bàta dhan Eilean Sgitheanach. An sin dheigheadh iad còmhla ri stoc às an eilean sin agus le chèile dheigheadh na treudan mòra sin a dhròbhadh sìos chun a' chaolas chumhang aig Gleann Eilg far an deigheadh am brosnachadh gus snàmh a-null gu tìr-mòr. Bha an crodh an uair sin a' coiseachd thar na slighean dròbhaireachd traidiseanta gu na margaidhean no na fèillean anns A' Mhanachainn, Craoibh no An Eaglais Bhreac. Lean an cleachdadh seo airson faisg air 200 bliadhna gus an tug an rèile dòigh eile na bu luaithe.

Le adhartas ann an còmhdhail rathaid agus rèile, bha fèillean-reic chruidh beaga a' tachairt ann an diofar cheàrnaidhean den Eilean Sgitheanach agus bha na beathaichean air an giùlan air làraidh gu na margaidhean air tìr-mòr. Bha crodh bho na h-Eileanan A-muigh air an toirt chun an stèisean rèile a b' fhaisge air bàta agus an uair sin bha iad a' dol chun na margaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fèill-reic Chruidh san Eilean Sgitheanach, An t-Ògmhios 1957

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1950an

crodh; dròbhaireachd; stoc; croitearachd; margaidhean chruidh; fèillean-reic chruidh; rupan; luchd-poilitigs

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs