Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gille Pàdraig Dubh
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_017
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2351
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Gille Pàdraig Dubh.

Bha aig aon àm gaisgeach a' fuireach anns a' Gheàrraidh Fhliuch ann an Uibhist a Deas ris an cainte Gille Pàdraig Dubh. Bha e na dhuine làidir, foghainteach, agus na shaighdear ainmeil.

Thachair do MhacLeòid Dùn Bheagain, athair cèile Mhic Ic Ailein, triath Uibhist, a bhith air chuairt ann an caisteal Ormacleit, far an robh a dhachaigh aig Mac Ic Ailein. Nach ann a rinn iad suas eatorra gun cuireadh iad Gille Pàdraig Dubh agus a mhac gu bàs le innleachd oir bha am mac air èirigh suas pailt cho làidir, treun ri athair, agus bha an t-eagal aca roimhe.

Chuir iad fios gu Gille Pàdraig e thighinn gu cuirm anns a' chaisteal agus e Iain Dubh, a mhac, a thoirt leis ann. Thàinig iad le chèile, mar a dh' iarradh orra, agus bha Mac Ic Ailein an sin gam feitheamh aig doras mòr a' chaisteil. Chuir e fàilte mhòr air Gille Pàdraig. "Tha greis mhòr," thuirt Gille Pàdraig Dubh, "o nach d' fhuair mise fiathachadh an seo roimhe, agus gu dearbh tha làn fhios agam nach ann gun adhbhar a tha mi an seo an-diugh."

"Ud," fhreagair Mac Ic Ailein, "bha fuath eadar mi fhìn 's tu fhèin roimhe seo gun teagamh, ach tha sin seachad a-nist. Ach a dh' innse na fìrinn, bha gnothach agam dhut. Tha MacLeòid ag innse dhòmhsa gu bheil fear anns an eilean aigesan a spreadhas ugh le saighid far ceann duine air astar ceithir fichead ceum, agus chuir e geall mòr rium nach eil a leithid eile anns an dùthaich againne an seo. Ghabh mise an geall aige agus bho nach eil aon duine eile ach thusa a-mhàin a tha comasach air seo a dhèanamh, mura dèan thu fuasgladh orm an-diugh tha mise millte agus an t-eilean air a mhaslachadh."

"Glè mhath, ma-tà," fhreagair Gille Pàdraig Dubh. "Ged tha mise a' fàs sean, nì mi mo dhìcheall, dìreach cha math 's as urrainn mi ... ach cò chumas an t-ugh air a cheann?"

"Feumaidh mise," fhreagair Mac Ic Ailein, "fuireach an seo fhèin còmhla ri MacLeòid air eagal 's gun glac e amharas oirnn. Nach dèan Iain do mhac a' chùis? Chan fhaod e bhith nach dèan."

"Tha e coltach gu feum e," thuirt Gille Pàdraig, "ach cuir thusa a-mach thugamsa an seo ceathrar fhear le spaidean."

Rinn esan mar a dh' iarr Gille Pàdraig. Thàinig an ceathrar fhear a-mach leis na spaidean, agus thomhais MacLeòid fhèin na ceumannan a-mach bho bhalla a' chaisteil. Far na stad e dh' iarr Gille Pàdraig Dubh orra sloc a chladhach. An uair a bha an toll gu math domhain dh' iarr esan air a mhac a dhol sìos ann. Cha robh esan deònach sam bith sin a dhèanamh.

"An ann gam dhiùltadh a tha thu?" dh' fhaighnich athair dheth.

Is math a bha cuimhne aig Iain gur e saighead ann an sàil na coise an duais a fhuair e an uair mu dheireadh a dhiùlt e athair.

"Is mise nach eil sin," fhreagair e, agus e a' leum don toll.

An uair a sheas e an grunnd an tuill bha e fodha suas chun nan guailnean; agus dh' iarr athair air na fir leis na spaidean leantainn orra a' cladhach gus nach robh ri fhaicinn dheth ach a' ghruag air mullach a chinn. Shocraich Gille Pàdraig an t-ugh air mullach a chinn agus choisich e air ais gu balla a' chaisteil.

Thug e thuige am balg-shaighead agus a' chiad saighead a thug e às chàirich e i ann an gartan na coise deise, agus an ath thè anns a' ghartan eile, agus an uair sin chuir e ceithir na chrios. Bheartaich e an t-saighead mu dheireadh anns a' bhògha agus rinn e priomasgal dhen ugh.

"A bheil thu air do leòn, Iain Duibh?" dh' èigh Gille Pàdraig Dubh.

"Chan eil idir," fhreagair Iain, 's e a' dìreadh a-mach às an toll.

"Is math a ghlèidh thu an geall a chuir mise ri do mhaighstir," thuirt MacLeòid, "ach innis thusa dhòmhsa carson a chuir thu bhuat na saighdean a thog thu an toiseach."

"Innsidh mise sin dhuibhse," fhreagair esan, agus e a' draghadh saigheid às a' ghartan. "Nan robh aon bhoinne de dh' fhuil mo mhic-sa air a dhòrtadh, bha i siud anns an eun as àirde anns an nead, 's e sin Mac Ic Ailein; bha an tè ud annadsa, a MhicLeòid, agus an fheadhainn eile anns na fir a chladhaich uaigh mo mhic."

"Bi a' falbh, bi romhad," thuirt Mac Ic Ailein, "chan eil math a bhith riut."

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gille Pàdraig Dubh

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)