Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bob Friseal, Ionad Rup Phort Rìgh 1940an
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_068
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1940an
CRUTHADAIR
Highland Livestock Heritage Society
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23521
KEYWORDS
crodh
dròbhaireachd
stoc
croitearachd
margaidhean chruidh
fèillean-reic chruidh
rupan
Bob Fraser, Portree Auction Mart, 1940s

Ththas air aon de na fir anns an dealbh seo aithneachadh mar Bob Friseal à MacDhòmhnaill Fiseal Rupairean. Bha an companaidh seo stèidhichte ann am Peairt bho thùs ach dh'fhosgail iad taighean rup ann an Sruighlea agus Inbhir Nis cuideachd. Bha an duine le na speuclairean na chlàrc aig na rupairean airson iomadh bliadhna.

Chaidh an dealbh camara a thogail aig fèill-reic chruidh san Eilean Sgitheanach.

Bha e riatanach do mhòran theaghlaichean Gàidhealach a bhith a' reic beagan chrodh gach bliadhna. Chan e a-mhàin gun robh an teachd-a-steach cudromach, ach cha chumadh am fearann ionaltraidh a bha an ìre mhath truagh treudan mòra. Dheigheadh àireamhan beaga de na beathaichean a cheannach bho chroitearan anns na ceàrnaidhean iomallach agus le bhith a' dèanamh seo chruinnicheadh na dròbhairean, mean air mhean, treud chudromach thar beagan sheachdainean.

Aig aon àm , bha crodh às na h-Eileanan A-muigh air an gluasad air bàta dhan Eilean Sgitheanach. An sin dheigheadh iad còmhla ri stoc às an eilean sin agus le chèile dheigheadh na treudan mòra sin a dhròbhadh sìos chun a' chaolas chumhang aig Gleann Eilg far an deigheadh am brosnachadh gus snàmh a-null gu tìr-mòr. Bha an crodh an uair sin a' coiseachd thar na slighean dròbhaireachd traidiseanta gu na margaidhean no na fèillean anns A' Mhanachainn, Craoibh no An Eaglais Bhreac. Lean an cleachdadh seo airson faisg air 200 bliadhna gus an tug an rèile dòigh eile na bu luaithe.

Le adhartas ann an còmhdhail rathaid agus rèile, bha fèillean-reic chruidh beaga a' tachairt ann an diofar cheàrnaidhean den Eilean Sgitheanach agus bha na beathaichean air an giùlan air làraidh gu na margaidhean air tìr-mòr. Bha crodh bho na h-Eileanan A-muigh air an toirt chun an stèisean rèile a b' fhaisge air bàta agus an uair sin bha iad a' dol chun na margaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bob Friseal, Ionad Rup Phort Rìgh 1940an

INBHIR NIS: Port Rìgh

1940an

crodh; dròbhaireachd; stoc; croitearachd; margaidhean chruidh; fèillean-reic chruidh; rupan

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs