Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bò anns an dìg, Uibhist a Deas
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_074
ÀITE
Aisgearnais
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
DEIT
1965
LINN
1960an
CRUTHADAIR
Highland Livestock Heritage Society
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23527
KEYWORDS
crodh
dròbhaireachd
stoc
croitearachd
A cow in the ditch, South Uist

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn buidheann fhireannach aig a bheil duilgheadas, a rèir coltas, a' faighinn bò, a tha air tuiteam dhan dìg, a-mach aiste. Tha an t-àite seo faisg air Aisgearnais, Uibhist a Deas, far deach stansa no crò shealach a chur air bhonn.

Bha luchd-ceannach chruidh agus rupaire bho tìr-mòr a' tadhal air na h-Eileanan Siar dà uair sa bhliadhna. Bha iad a' ceannach àireamh beag de chrodh bho chroitearan aig na fèillean-reic ionadail sin agus, mean air mhean, bha iad a' dèanamh treudan mòra a bha an uair sin air an giùlan air bàta gu ceann-uidhe rèile air tìr-mòr. Às an sin bha iad air an toirt gu marghaidhean na bu mhotha.

Bha e riatanach do mhòran theaghlaichean Gàidhealach a bhith a' reic beagan chrodh gach bliadhna. Chan e a-mhàin gun robh an teachd-a-steach cudromach, ach cha chumadh am fearann ionaltraidh a bha an ìre mhath truagh treudan mòra. Dheigheadh àireamhan beaga de na beathaichean a cheannach bho chroitearan anns na ceàrnaidhean iomallach agus le bhith a' dèanamh seo chruinnicheadh na dròbhairean, mean air mhean, treud chudromach thar beagan sheachdainean.

Aig aon àm , bha crodh às na h-Eileanan A-muigh air an gluasad air bàta dhan Eilean Sgitheanach. An sin dheigheadh iad còmhla ri stoc às an eilean sin agus le chèile dheigheadh na treudan mòra sin a dhròbhadh sìos chun a' chaolas chumhang aig Gleann Eilg far an deigheadh am brosnachadh gus snàmh a-null gu tìr-mòr. Bha an crodh an uair sin a' coiseachd thar na slighean dròbhaireachd traidiseanta gu na margaidhean no na fèillean anns A' Mhanachainn, Craoibh no An Eaglais Bhreac. Lean an cleachdadh seo airson faisg air 200 bliadhna gus an tug an rèile dòigh eile na bu luaithe.

Le adhartas ann an còmhdhail rathaid agus rèile, bha fèillean-reic chruidh beaga a' tachairt ann an diofar cheàrnaidhean den Eilean Sgitheanach agus bha na beathaichean air an giùlan air làraidh gu na margaidhean air tìr-mòr. Bha crodh bho na h-Eileanan A-muigh air an toirt chun an stèisean rèile a b' fhaisge air bàta agus an uair sin bha iad a' dol chun na margaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bò anns an dìg, Uibhist a Deas

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

1960an

crodh; dròbhaireachd; stoc; croitearachd

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs