Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Corra-chriostag agus am Plocadh
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_018
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2353
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Corra-chriostag agus am Plocach.

Bha siud ann o chionn fhada Corra-chriostag agus Plocach an Ruamhair. Bha ise cho leisg ri leisg, agus esan cho èasgaidh. Bha ise, Corra-chriostag, a' cur seachad a h-ùine a' cèilidh nan taighean an uair a bhiodh am Plocach a-muigh ag obair.

Latha dhe na làithean thàinig am Plocach dhachaigh agus thuirt e ri Corra-chriostag. "Nach eil an t-àm agad clò a dhèanamh dhomh, a Chorra-chriostag?"

"Is mise gun dèanadh sin," fhreagair ise, "nam biodh clòimh agam."

"Càite bheil a' chlòimh a thug mise dhachaigh an seo air Latha Fèill Brìde seo chaidh?" thuirt am Plocach.

"Tha e ann an tuill a' bhalla," thuirt ise, "agus ma tha toil agad mise dhèanamh clò dhut, thoir thusa a' chlòimh a-mach à tuill a' bhalla."

Fhuair am Plocach basgaid bheag agus thug e thuige a' chlòimh a-mach à tuill a' bhalla agus chuir e a' bhasgaid sìos air a beulaibh. Chuir Corra-chriostag toban beag dhen chlòimh air a' chuigeal agus shnìomh i criopag bheag agus thilg i suas i air sgeilp a bha faisg air mullach an taighe.

"Gabh suas an sin," thuirt i, "far a bheil an còrr dhe do sheòrsa." Agus thug i a casan leatha a-mach air chèilidh.

Bha am Plocach bochd a' gabhail fichead fadachd nach robh e a' cluinntinn guth air a' chlò. Latha dhe na làithean nuair a thàinig e dhachaigh thuirt e ri Corra-chriostag, "An deachaidh an clò riamh don bheairt, a Chorra-chriostag?"

"Tha mi a' falbh leis an-diugh fhèin," thuirt ise. "Suas leat chun na sgeilp sin gu h-àrd agus tilg a-nuas thugamsa an snàth a gheibh thu shuas an sin."

Suas a ghabh esan, dìreach mar a dh' iarr i air.

"Chan fhaic mise an seo ach aon chriopag bheag," fhreagair am Plocach.

"Tha pailteas agus gu leòr shuas an sin, ma tha, agus dìreach tilg thusa nuas an seo thugams' iad," thuirt i fhèin.

Thilg am Plocach thuice an aon chriopag bheag a bh' ann. Thilg Corra-chriostag air ais a' chriopag suas thuigesan, air a chùlaibh ... agus bha iad ris a' chleas sin, air ais 's air adhart, bhuamsa 's thugadsa, gus mu dheireadh an do dh' èigh Corra-chriostag, "Tha a' bhasgaid bheag làn agam, a Phlocaich."

Dh' fhalbh Corra-chriostag leis an t-snàth anns a' bhasgaid gu taigh na ban-fhighiche.

Bha an ùine a' dol seachad ach cha robh guth no iomradh air a' chlò agus bha am Plocach a' ghabhail fadachd nach robh e ga fhaighinn. Latha dhe na làithean thàinig e dhachaigh agus thuirt e ri Corra-chriostag, "An deachaidh an clò a luadh fhathast, a Corra-chriostag?"

"Thug mise," fhreagair ise, "an clò a-null gu bruaich an locha ud thall agus dh' èigh mi 'Fhithichean is fheannagan is fhaoileagan, thigibh an seo agus luaidhibh an clò!' Cha tàinig fitheach no feannag no faoileag. 'Thig no nach tig,' thuirt mise, 'tha mise falbh co-dhiù!' ... agus dh' fhàg mise aca e."

"Obhan, òbhan," thuirt am Plocach, "nach truagh mise leatsa! Cha do stad thu riamh gus na chuir thu a shiubhal an t-saoghail mi."

Thog e leis a' bhasgaid agus dh' fhalbh e a shiubhal an t-saoghail. Cha b' fhada gus an cuala e trotan beag air a chùlaibh. Sùil dhan tug e, cò bha seo ach ise, i fhèin, Corra-chriostag!

"Càite bheil romhad a dhol, a Chorra-chriostag?" thuirt am Plocach.

"Bidh mise far am bi thu fhèin," fhreagair ise.

"An do tharraing thu an doras às do dhèidh?" dh' fhaighnich am Plocach.

"Cha do tharraing idir," fhreagair ise.

"Till air d' ais, ma tha," thuirt esan, "agus tarraing an doras às do dhèidh!"

Thionndaidh ise, agus thill i air ais dhachaigh. Cha b' fhada gus an cuala am Plocach slaodadh is straighlich is stàrnaich às a dhèidh. Cò bha seo ach Corra-chriostag is i a' slaodadh an dorais agus nan ursainnean às a dèidh!

"Dè 's ciall dha seo?" thuirt am Plocach. "Nach ann a dh' iarr mise ortsa an doras a dhùnadh? Fàg an sin iad, an doras agus na h-ursainnean ... chan urrainn dhut eallach dhen t-seòrsa sin a shlaodadh leat."

"Far am bi mise bidh an doras agus na h-ursainnean," fhreagair Corra-chriostag. Thog iad orra, agus Corra-chriostag a' slaodadh an dorais agus nan ursainnean às a dèidh.

Aig beul na h-oidhche, dè chunnaic iad ach solas beag air ùrlar glinne, agus rinn iad dìreach air. Ged a b' fhada bhuaidh iad cha b' fhada bha iad ga ruighinn.

Dè bha seo ach uamh làn robairean, teine mòr aig a ceann shuas agus poit mhòr air an teine agus fiadh a' bruich innte.

Thug Corra-chriostag an doras agus na h-ursainnean a-steach don uaimh. Sùil dhan tug i chunnaic i gu robh sparran shuas air mullach na h-uamha.

"Siud sinn," thuirt i ris a' Phlocach, "cuiridh sinn an doras suas air na sparran."

Suas leis an doras chan nan sparran, agus na h-ursainnean na chois. An sin dè chunnaic Corra-chriostag ach cuach bheag ann an oisinn na h-uamha. Thog i làn na cuaiche dhen bhrot a bha sa phoit. Shuidh i fhèin agus am Plocach, duine air gach taobh dhen teine, ag òl balgam ma seach às a' chuaich. Cha b' fhada bha iad a' dèanamh sin an uair a chualas fuaim a-muigh. Cò bha seo ach na robairean air tilleadh! Chlisg Corra-chriostag agus am Plocach agus leum iad suas air an doras air na sparran. Steach a thàinig na robairean agus eallach a dhroma aig gach fear dhiubh. Dhòirt iad na pocannan òir is airgid air an ùrlar agus thòisich iad a' cunntas na bha aca air a ghoid. Chaidh fear dhiubh chun an teine agus thòisich e air an t-suipear a chur air dòigh. Dh' èirich an toit mu na sparran.

"Tha mise gus mo thachdadh," thuirt Corra-chriostag.

"Feuch am bi thu sàmhach," thuirt am Plocach rithe.

"Mo shùilean, mo shùilean, caillidh mi mo shùilean leis an toit a tha sin," thuirt ise.

"Nach fhan thu sàmhach, a Chorra-chriostag," thuirt am Plocach, "eagal 's gun cuir iad às dhuinn."

"Thugainn 's gu faigh sinn deoch," thuirt ise.

"Na can an còrr," thuirt esan, "neo marbhaidh iad sinn gun teagamh sam bith."

"Thig no nach tig thusa, tha mise a' falbh," fhreagair Corra-chriostag.

Ghluais ise gu ceann shìos an dorais. Rinn esan a dhìcheall gus a cumail air ais. Siud sìos an doras leis an dithis aca. Bhuail iad mun phoit a bha air an teine, iad fhèin agus an doras agus na h-ursainnean, cruinn cothrom còmhla! Leum steall às a' phoit agus bhuail e air a' chòcaire. Leig e èighe nan creach às.

A-mach na robairean agus thug iad am monadh orra. Liùg am fear a chaidh a losgadh dhan bheinn. Lìon am Plocach agus Corra-chriostag a' bhasgaid leis an òr 's leis an airgead agus thill iad dhachaigh dhan bhothan às na dh' fhalbh iad. Fhuair iad doras agus ursainnean ùra agus bha iad socair sona ann an sin gu bràth tuilleadh.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Corra-chriostag agus am Plocadh

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)