Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coinneach MacRath agus crodh ann an Leac Mailm
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_079
ÀITE
Leac Mhailm
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23532
KEYWORDS
sprèidh
crodh
dròbhairean
beathaichean
Kenny Macrae and cattle at Leckmelm

Coinneach MacRath, dròbhair agus neach-malairt a' chruidh, Ulapal, 1892-1959.

Na latha fhèin, b' e Coinneach MacRath an dròbhair a b' ainmeile a bh' ann ann an Alba a Tuath gu tuath air baile Pheairt. Fad chaogad bliadhna cheannaich e crodh air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean an Iar agus bhiodh e gan iomain chun nam margaidhean air feadh Alba. 'S e prìomh neach-malairt a bh' ann agus urram mòr aig a h-uile duine air mas bith càit an deidheadh e. A bharrachd air tuathanas agus taigh-spadaidh a bh' aige ann an Ach an Droighinn agus bùth-feòla ann an Ulapal (an-diugh bùth nan leabhar), bha mìltean acraichean fearainn aige air mhàl air ceithir oighreachdan agus b' ann leis-san a bha Cùl Mòr agus Cùl Beag. B' e cuideachd luchd-malairt agus dròbhairean a' chruidh uile a bha na athair, Ruairidh MacRath, na sheanar, Dòmhnall MacRath, agus na shean sheanar, Eachann MacRath.

Dealbh-camara: Frangag Fogg (ban-ogha) Fiosrachadh: Coinneach Stiùbhart (mac peathar) agus Ceith NicLeòid (ban-ogha).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coinneach MacRath agus crodh ann an Leac Mailm

ROS: Loch Bhraoin

sprèidh; crodh; dròbhairean; beathaichean

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs

Coinneach MacRath, dròbhair agus neach-malairt a' chruidh, Ulapal, 1892-1959.<br /> <br /> Na latha fhèin, b' e Coinneach MacRath an dròbhair a b' ainmeile a bh' ann ann an Alba a Tuath gu tuath air baile Pheairt. Fad chaogad bliadhna cheannaich e crodh air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean an Iar agus bhiodh e gan iomain chun nam margaidhean air feadh Alba. 'S e prìomh neach-malairt a bh' ann agus urram mòr aig a h-uile duine air mas bith càit an deidheadh e. A bharrachd air tuathanas agus taigh-spadaidh a bh' aige ann an Ach an Droighinn agus bùth-feòla ann an Ulapal (an-diugh bùth nan leabhar), bha mìltean acraichean fearainn aige air mhàl air ceithir oighreachdan agus b' ann leis-san a bha Cùl Mòr agus Cùl Beag. B' e cuideachd luchd-malairt agus dròbhairean a' chruidh uile a bha na athair, Ruairidh MacRath, na sheanar, Dòmhnall MacRath, agus na shean sheanar, Eachann MacRath.<br /> <br /> Dealbh-camara: Frangag Fogg (ban-ogha) Fiosrachadh: Coinneach Stiùbhart (mac peathar) agus Ceith NicLeòid (ban-ogha).