Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leth-cheannach Nighean a' Chait
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_019
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2354
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Leth-cheannach Nighean a' Chait.

Bha siud ann o chionn fhada duin'-uasal agus bean-uasal. Bha aon nighean aca agus bha ise cho brèagha ri grian gheal an t-samhraidh. Chaochail a' bhean-uasal agus bha a h-uile duine brònach agus ga caoidh. An ceann latha is bliadhna phòs an duin'-uasal Cailleach nan Cearc, bantrach aig an robh triùir nighean. Bha iad sin cho grànda 's a bha nighean an duin'-uasail cho brèagha, agus bha eud is farmad uabhasach aca ris an nighinn uasail.

Thàinig air an duin'-uasal falbh don chogadh ach mun do dh' fhalbh e dh' iarr e air Cailleach nan Cearc an nighean aige fhèin a chur do sgoil airson foghlam fhaighinn. Gheall ise sin a dhèanamh. Dh' fhalbh esan don chogadh ach an àite an nighean a dhol don sgoil nach ann a rinneadh searbhanta dhith agus i a' frithealadh air nigheanan Cailleach nan Cearc agus a' dèanamh a h-uile rud a dh' iarradh iadsan oirre.

Bha a-niste mac Rìgh na Grèige air tighinn gu aois pòsaidh, ach thuirt e ri athair nach pòsadh esan ach an nighean bu bhrèagha a bha air an t-saoghal. "Bi falbh, ma tha," thuirt athair ris, "agus faigh fhèin lorg oirre."

Mach gun tug e, e fhèin agus ridire, a shiubhal an t-saoghail. A h-uile baile a thigeadh iad thuige, bha an ridire a' gairm dannsa an sin. Mu dheireadh thall thàinig iad don bhaile a bha faisg air taigh an duin'-uasail agus Cailleach nan Cearc. Ghairm an ridire bàl, mar a chleachd. 'S ann an sin a bha an t-ullachadh aig an òigridh, agus an toileachadh ris a' bhàl.

Nach eil fhios gun deachaidh an triùir nighean aig Cailleach nan Cearc ann. Ach an uair a dh' fhalbh càch chun a' bhàil 's ann a shuidh an t-searbhanta bhochd aig an teine agus i cho sgìth an dèidh bhith a' frithealach air nigheanan Cailleach nan Cearc o mhoch gu dubh. Thuit i na cadal, agus 's e am fuachd a dhùisg i, agus an teine air a dhol dubh às agus an taigh cho fuar ris a' phrìosan. Chlisg i leis an eagal a ghabh i. Ciamar idir a bheireadh i an teine beò a-rithist?

Bha an taigh aig bana-bhuidsiche, Leth-Cheannach Nighean a' Chait, faisg air taigh an duin'-uasail agus Cailleach nan Cearc. Bha an dàrna leth de dh' aodann na bana-bhuidsiche mar aodann cait agus 's e sin a dh' fhàg an t-ainm annasach seo oirre. Ged a bha an t-eagal aig nighean an duin'-uasail roimhpe chaidh i don taigh aice a dh' iarraidh èibhleag no dhà a bheireadh an teine beò dhi a-rithist. Cha robh an còrr dòigh air.

"A bheil thu idir anns a' bhàl?" thuirt Leth-cheannach Nighean a' Chait rithe cho luath 's a chaidh i a-staigh.

"Chan eil," fhreagair ise, "oir chan eil aodach dòigheil agam a bheir gu bàl mi. Is ann a thàinig mi a dh' iarraidh èibhleag no dhà gus an teine thoirt beò 's e air a dhol às. Thuit mi nam chadal an uair a dh' fhalbh càch. Bha mi cho sgìth."

"Bi thusa a' falbh dhachaigh leis na h-èibhleagan," thuirt Leth-cheannach Nighean a' Chait, "agus an uair a thogas tu an teine till thugamsa. Thèid thusa don bhàl a-nochd fhathast, gun teagamh ... is tusa nì sin."

Seo dìreach an rud a rinn an nighean. Cho luath 's a thill i agus a chaidh i a-staigh bhuail Leth-Cheannach Nighean a' Chait an t-slatag draoidheachd oirre agus chaidh an gùn aice na ghùn dhen bhogha-froise agus a brògan nam brògan gloinne. Chaidh an dithis aca a-mach gu ceann an taighe. Bha loth pheallagach an sin. Bhuail Leth-cheannach Nighean a' Chait an t-slatag draoidheachd oirre agus anns a' mhionaid chaidh i na làir bhrèagha le casan geala. Chaidh an nighean gun dàil air a muin.

"Cuimhnich a-nist," thuirt Leth-cheannach Nighean a' Chait, "gu fàg thusa talla an danns ro mheadhan-oidhche. Cuimhnich sin."

A-mach a ghabh an nighean air an làir a dh' ionnsaigh a' bhàil. Sin far an robh an ceòl, an aighear agus an dannsa. An uair a nochd an t-searbhanta ann an talla an dannsa cha robh nighean no gille an sin nach do ghabh annas is iongantas. Ach cò an tè a bha seo? No cò às a thàinig i? Cha robh fhios aig duine. Bha i cho brèagha ris a' ghrèin agus cha dannsadh mac an Rìgh ach còmhla ris a' mhùirneig seo. Ach ro mheadhan-oidhche cha robh aon sgeul oirre ... bha i air falbh dhachaigh air an loth pheallagaich.

Bha an t-suipeir deiseil aice an uair a thàinig nigheanan Cailleach nan Cearc dhachaigh, ach cha b' urrainn dhaibhsan grèim ithe ach a' bruidhinn gun sgur air an tè àlainn eireachdail a thàinig don bhàl. Cò i? No cò às a thàinig i?

Làrna-mhàireach thàinig an ridire ag èigheach bàil a-rithist air feadh a' bhaile. Chruinnich an òigridh air fad ann gu deònach agus gu toilichte, agus chaidh nigheanan Cailleach nan Cearc ann cuideachd.

Thachair don t-searbhanta dìreach mar a thachair dhi an oidhche roimhe sin. Dhùisg i agus an teine marbh, dubh às, agus b' fheudar a dhol a-rithist gu taigh Leth-cheannach Nighean a' Chait.

"A bheil thu idir anns a' bhàl?" dh' fhaighnich i sin.

"Chan eil aodach agamsa a bheir gu bàl mi," fhreagair an nighean.

"Bi a' falbh dhachaigh leis an teine," thuirt an tèile, "ach till thugamsa cho luath 's a ghabhas."

Rinn an t-searbhanta mar a dh' iarr an tèile oirre. Cho luath 's a thill i bhuail Leth-cheannach Nighean a' Chait an t-slatag draoidheachd oirre. Ach ma bhuail, siud an gùn aice na ghùn de dh' iteagan nan eun 's gun dà iteig dhen aon seòrsa ann, agus na brògan a cheart cho brèagha sin.

Chaidh i fhèin agus Leth-cheannach Nighean a' Chait a-mach gu ceann an taighe, bhuail a' bhana-bhuidsiche an t-slatag draoidheachd air an loth pheallagaich agus siud i na làir bhrèagha luath le casan geala. Chaidh an t-searbhanta air a muin agus cha b' fhada gus an robh iad ann an talla a' bhàil.

Siud far an robh an t-annas agus an t-iongnadh an uair a nochd i a-rithist anns a' bhàl. Ach cho bòidheach 's a bha i! Chan fhacas a-riamh a leithid. Ach cò i, no cò às a thàinig i? Cha robh fhios aig duine.

Cha dannsadh mac an Rìgh le maighdinn ach i fhèin, ach ro mheadhan-oidhche cha robh sgeul oirre a-rithist. Fhuair i seachad air an fheadhainn a bha le òrdugh mac an Rìgh a' cumail faire a-muigh aig an doras; agus nuair a ràinig nigheanan Cailleach nan Cearc dhachaigh bha an t-suipeir deiseil aice dhaibh. Ach cha robh guth aca sin air suipeir no air rud eile ach air an tè bhrèagha bhòidhich a nochd anns a' bhàl an oidhche sin. Cò i, no cò às? Cha robh fhios aig duine.

Làrna-mhaireach chuir mac an Rìgh an ridire a-rithist feadh a' bhaile, ag èigheach bàil a-rithist ... cuireadh aig gach caileig agus aig gach gille òg a dhol ann. Mar a b' àbhaist, b' fheudar don t-searbhanta a dhol gu taigh Leth-cheannach Nighean a' Chait a dh' iarraidh teine, agus nuair a thill i bhuail i sin an t-slatag draoidheachd oirre. Siud an nighean ann an gùn dhe na rionnagan 's dhe na reultan, bròg òir agus bròg airgid oirre, cìr òir agus cìr airgid na gruaig agus fleasg dhe na reultagan. Chaidh an loth pheallagach mar a b' àbhaist na làir bhrèagha le casan geala, agus suas leatha air a muin.

"Cuimhnich meadhan-oidhche a-nist," thuirt Leth-cheannach Nighean a' Chait rithe, "feuch nach dèan thu diochuimhn' air sin." A-mach a ghabh i agus cha b' fhada gus an do nochd i a-rithist anns an talla.

Siud far an robh an othail. Chaill gach maighdean agus gach gille a bha an sin an cainnt leis an t-sealladh àlainn a bha seo. Dhanns mac an Rìgh leatha fad an fheasgair. Ach air cridhe a' mheadhan-oidhche cha robh sgeul oirre ... ach leis a' chabhaig a bha oirre nach ann a chaill i a' bhròg òir air taobh-a-staigh doras an talla. Co-dhiù no co-dheth fhuair i seachad air an fheadhainn a bha a' faire a-muigh aig an doras 's i san aodach a bha oirre anns a' chidsin dubh. Leum i air an loth agus rinn iad air an taigh. Bha an t-suipeir aice air a' bhòrd an uair a thàinig càch dhachaigh. Cha b' urrainn dhaibhsan grèim ithe no balgam òl ach a' bruidhinn air an tè àlainn a nochd a-rithist anns a' bhal. Ach cò i? No cò às a thàinig i? Tràth an ath mhadainn chaidh mac an Rìgh agus an ridire air chuairt air feadh a' bhaile. Bha a' bhròg òir aig an ridire air cluasaig agus e ag èigheach nach pòsadh mac an Rìgh ach an tè air am freagradh a' bhròg òir. An othail a bha sin sa bhaile, chan fhacas agus cha chualas a leithid riamh, agus a h-uile tè airson feuchainn am freagradh a' bhròg òir oirre fhèin.

Ràinig iad taigh an duin'-uasail. Dh' fheuch nighean le Cailleach nan Cearc a' bhròg òir oirre agus chaidh a cas innte. Suas leatha, agus a' bhròg òir air a cois, air cùlaibh mac an Rìgh air an each, agus a-mach a ghabh iad.

Bha eun beag a' diogarsaich o phreas gu preas ri taobh an rathaid.

"Dè tha an t-eun beag ud ag ràdh?" arsa mac an Rìgh.

"Rud gòrach air choreigin," fhreagair nighean Cailleach nan Cearc.

Lean an t-eun iad is "Diog, diog, diog" aige, gun sgur.

"Feumaidh mise faighinn a-mach dè tha an t-eun ud ag ràdh," thuirt mac an Rìgh. "Tha naidheachd air choreigin aige dhuinn," ars e fhèin.

Chuir e stad air an each agus dh' èist e gu cùramach. Seo an duan a bha aig an eun:
"Nighean Cailleach nan Cearc
air do chùlaibh air each
'S i ri criomadh a cas
Feuch an tèid a' bhròg oirre,
'S ann tha a' ghruagach sa chidsin
Dan tig a' bhròg òir."

"Seadh, seadh, an ann mar sin a tha?" arsa mac an Rìgh.

Dh' iarr e air an ridire cromadh gu talamh agus a' bhròg a thoirt far nighean Cailleach nan Cearc. Rinn esan sin. Chunnaic mac an Rìgh mar a bha. Thill iad gu taigh an duin'-uasail. Dh' fhaighnich mac an Rìgh an robh nighean eile anns an taigh nach fhac esan.

"Chan eil," fhreagair Cailleach nan Cearc, "ach an t-searbhanta a tha sa chidsin dubh."

"Càite bheil i?" dh' fhaighnich esan. "Feumaidh mise a faicinn."

Dh' èigh iad air an t-searbhanta.

Chaidh a' bhròg òir oirre mar gu fàsadh a cas innte. A-steach a thàinig Leth-cheannach Nighean a' Chait is bhuail i an t-slatag draoidheachd oirre. Ann an tiotan bha sròl dhe nan rionnagan is dhe na reultan air an t-searbhanta, bròg òir is bròg airgid, cìr òir is cìr airgid is fleasg dhe na reultan na falt.

Rinn iad banais èibhinn, aighearach, thoilichte, agus fhuair mac an Rìgh leth na rìoghachd o athair fhad 's a bha e beò agus an rìoghachd air fad an uair a chaochail e. Sin mar a chuala mise.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leth-cheannach Nighean a' Chait

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)