Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coimhearsnachd aig an Rùsgadh, Leithirean Beag, Diùranais, Iuchar 1967
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_094
ÀITE
Diùranais
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Diùirnis
DEIT
Iuchar 1967
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23543
KEYWORDS
rùsgadh nan caorach
rùsgadh
Community Clipping at Lerinbeg, Durness, July 1967

A' sgaradh nan caorach aig rùsgadh na coimhearsnachd san Leithirean Bheag ann an Diùranais. 'S e an duine a tha sa mheadhan, le coltas iomagaineach air, athair Uilleim Mhoireasdain, Seòras Moireasdan, agus an duine caol òg aig an taobh chlì le toitean, 's e sin co-ogha Uilleim, Iain Dòmhnall Sutharlanach. 'S e croitear soirbheachail a th' ann fhathast an-diugh - ach tha e beagan nas tighe. Eatorra, leis a' bhoineid air, tha Angie Moireasdan, fear a bha na shaor san sgìre. 'S e an duine òg air an làimh dheas Billy Caimbeul, fear a lean ann an ceuman athar na neach-togail sgìreil, agus ri a thaobhsan tha Iain 'Britheamh Àrd' Caimbeul, le boineid air, agus an-diugh [Samhain 2009] 's e an duine as aosta sa choimhearsnachd, ged a tha e a' fuireach ann an taigh-cùraim ann an Eilginn.

Sna dealbhan-camara seo chithear sealladh, an-diugh gun sgeul air, a bhiodh ann gach bliadhna - nuair a thigeadh na croitearan san sgìre còmhla ach an rùisgeadh iad na caoraich aig faingean Smùth ann an Leithirean Beag ann an Diùranais. 'S ann tràth san Iuchar 1967 a tha seo.

Tha rùsgadh nan caorach leis a h-uile croitear còmhla, uile air a dhèanamh le làimh, an-diugh air sgur, agus deamhais dhealain ann a-nis an àite an deamhais làimhe. Ach bidh faingean cruinn-còmhla ann fhathast far am bi iad a' dupadh. B' e deagh latha a bh' ann do dh'òigridh an àite, tachartas a chitheadh iad mar sheòrsa picnic-is-pàrtaidh, agus a h-uile duine a' toirt leotha biadh fuar agus a' dèanamh an teatha aig an fhaing. Bha na faingean ri taobh an stèisein radar bho àm a' chogaidh agus chaidh seo a chleachdadh às-ùr aig àm a' Chogaidh Fhuair mu 1948 gu 1954, mus deach fear na b' ùire a thogail ann am Baile na Cille beagan mhìltean na b' fhaide dhan iar. Dh'adhbhraich seo duilgheadas no dhà dhaibh bhon bha na caoraich rùisgte buailteach air dhol air seachran thar rubha an Leithirein bhig, am measg nan crann radar agus nan taighean air dhathan falachaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coimhearsnachd aig an Rùsgadh, Leithirean Beag, Diùranais, Iuchar 1967

CATAIBH: Diùirnis

1960an

rùsgadh nan caorach; rùsgadh

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs

A' sgaradh nan caorach aig rùsgadh na coimhearsnachd san Leithirean Bheag ann an Diùranais. 'S e an duine a tha sa mheadhan, le coltas iomagaineach air, athair Uilleim Mhoireasdain, Seòras Moireasdan, agus an duine caol òg aig an taobh chlì le toitean, 's e sin co-ogha Uilleim, Iain Dòmhnall Sutharlanach. 'S e croitear soirbheachail a th' ann fhathast an-diugh - ach tha e beagan nas tighe. Eatorra, leis a' bhoineid air, tha Angie Moireasdan, fear a bha na shaor san sgìre. 'S e an duine òg air an làimh dheas Billy Caimbeul, fear a lean ann an ceuman athar na neach-togail sgìreil, agus ri a thaobhsan tha Iain 'Britheamh Àrd' Caimbeul, le boineid air, agus an-diugh [Samhain 2009] 's e an duine as aosta sa choimhearsnachd, ged a tha e a' fuireach ann an taigh-cùraim ann an Eilginn.<br /> <br /> Sna dealbhan-camara seo chithear sealladh, an-diugh gun sgeul air, a bhiodh ann gach bliadhna - nuair a thigeadh na croitearan san sgìre còmhla ach an rùisgeadh iad na caoraich aig faingean Smùth ann an Leithirean Beag ann an Diùranais. 'S ann tràth san Iuchar 1967 a tha seo. <br /> <br /> Tha rùsgadh nan caorach leis a h-uile croitear còmhla, uile air a dhèanamh le làimh, an-diugh air sgur, agus deamhais dhealain ann a-nis an àite an deamhais làimhe. Ach bidh faingean cruinn-còmhla ann fhathast far am bi iad a' dupadh. B' e deagh latha a bh' ann do dh'òigridh an àite, tachartas a chitheadh iad mar sheòrsa picnic-is-pàrtaidh, agus a h-uile duine a' toirt leotha biadh fuar agus a' dèanamh an teatha aig an fhaing. Bha na faingean ri taobh an stèisein radar bho àm a' chogaidh agus chaidh seo a chleachdadh às-ùr aig àm a' Chogaidh Fhuair mu 1948 gu 1954, mus deach fear na b' ùire a thogail ann am Baile na Cille beagan mhìltean na b' fhaide dhan iar. Dh'adhbhraich seo duilgheadas no dhà dhaibh bhon bha na caoraich rùisgte buailteach air dhol air seachran thar rubha an Leithirein bhig, am measg nan crann radar agus nan taighean air dhathan falachaidh.