Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Co-rùsgadh nan Caorach ann an Learainn Beag, Diùranais, Iuchar 1967
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_104
ÀITE
Diùranais
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Diùirnis
DEIT
Iuchar 1967
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
23546
KEYWORDS
rùsgadh nan caorach
caoraich
cloimh
gnìomhachas na cloimh
Community Clipping at Lerinbeg, Durness, July 1967

Seocaidh Ruairidh Caimbeul am measg nan caorach.

Sna dealbhan-camara seo chithear sealladh de thachartas a sguir bho chionn fhada - an cruinneachadh bliadhnail aig faingean Smù aig na croitearan sgìreil airson rùsgadh nan caorach còmhla, ann an Learainn Beag, Diùranais, tràth san Iuchar 1967.

An-diugh chan fhaicear an rùsgadh còmhla a bha air a dhèanamh le deamhais làimhe, agus an deamhais dhealain air gabhail thairis. Ach tha faingean na coimhearsnachd fhathast air an cleachdadh airson na caoirich a dhupadh uile aig an aon àm. 'S e latha buidhe a bh' ann don òigridh, nàdar de phicnic is pàrtaidh còmhla, le na daoine a' toirt leotha biadh dhaibh fhèin 's a' dèanamh tea a-muigh san àite. Bha na faingean nan suidhe ri taobh stèisean radar àm a' chogaidh a chaidh a chur gu feum a-rithist aig àm a' Chogaidh Fhuair eadar mu 1948 is 1954 mus deach stèisean ùr-nòsach a chur air bhonn ann am Bail na Cill mìle no dhà nas fhaide don iar. Dh'adhbhraich seo beagan duilgheadais leis mar a bhiodh na caoirich rùisgte buailteach air sgaoileadh thar rubha Learainn Bhig am measg nan crann radar 's nam bothagan air dhathan falachaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Co-rùsgadh nan Caorach ann an Learainn Beag, Diùranais, Iuchar 1967

CATAIBH: Diùirnis

1960an

rùsgadh nan caorach; caoraich; cloimh; gnìomhachas na cloimh

Comann Dualchais Sprèidh na Gàidhealtachd

Highland Livestock Heritage Society photographs

Seocaidh Ruairidh Caimbeul am measg nan caorach.<br /> <br /> Sna dealbhan-camara seo chithear sealladh de thachartas a sguir bho chionn fhada - an cruinneachadh bliadhnail aig faingean Smù aig na croitearan sgìreil airson rùsgadh nan caorach còmhla, ann an Learainn Beag, Diùranais, tràth san Iuchar 1967.<br /> <br /> An-diugh chan fhaicear an rùsgadh còmhla a bha air a dhèanamh le deamhais làimhe, agus an deamhais dhealain air gabhail thairis. Ach tha faingean na coimhearsnachd fhathast air an cleachdadh airson na caoirich a dhupadh uile aig an aon àm. 'S e latha buidhe a bh' ann don òigridh, nàdar de phicnic is pàrtaidh còmhla, le na daoine a' toirt leotha biadh dhaibh fhèin 's a' dèanamh tea a-muigh san àite. Bha na faingean nan suidhe ri taobh stèisean radar àm a' chogaidh a chaidh a chur gu feum a-rithist aig àm a' Chogaidh Fhuair eadar mu 1948 is 1954 mus deach stèisean ùr-nòsach a chur air bhonn ann am Bail na Cill mìle no dhà nas fhaide don iar. Dh'adhbhraich seo beagan duilgheadais leis mar a bhiodh na caoirich rùisgte buailteach air sgaoileadh thar rubha Learainn Bhig am measg nan crann radar 's nam bothagan air dhathan falachaidh.