Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-seinnse nan Dròbhairean ann an Allt a' Ghiuthais
EXTERNAL ID
PC_HIGHLANDLIVESTOCK_117
ÀITE
An t-Allt Giuthais
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Livestock Heritage Society
AITHNEACHADH MAOINE
23558
KEYWORDS
dròbhaireachd
rathaidean na dròbha
taighean-seinnse
dròbhairean
damannan
damaichean
Aultguish Drovers Inn

Sealladh air Taigh-seinnse nan Dròbhairean ann an Allt a' Ghiuthais, siorrachd Rois. Bha an taigh-seinnse seo uaireigin na àite far am bu toil leis na dròbhairean oidhche a chur seachad air an rathad leis na beathaichean gu na margaidhean sa Bhlàr Dhubh no ann an Inbhir Pheofharain. Tha an taigh-seinnse air a bhith an seo fad barrachd air 400 bliadhna, ged a dh'atharraich an togalach iomadh turas san àm sin. An-diugh tha e air na bruaichean, no fon dama, aig Loch Glascarnoch, loch a chaidh a dhèanamh mòran na bu mhotha, a' slugadh a' bhaile a bha san àite, nuair a thàinig dama an dealain-uisge thuige. Chithear fhathast an rathad a' dol a-steach don uisge aig a cheann an iar. Tha luchd-tadhail a' fuireach san taigh-sheinnse chun an latha an-diugh, ach 's e bu choltaich gur e luchd-sreap nam beanntan a bhios annta, 's chan e dròbhairean a' chruidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-seinnse nan Dròbhairean ann an Allt a' Ghiuthais

ROS: Cunndainn

dròbhaireachd; rathaidean na dròbha; taighean-seinnse; dròbhairean; damannan; damaichean

Highland Livestock Heritage Society

Highland Livestock Heritage Society photographs