Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Buachaille Laoigh
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_020
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2356
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Am Buachaille Laoigh.

Bha siud ann bantrach bhochd aig an robh aon mhac, agus an uair a bha an gille seo mu aois nan deich bliadhna thuirt e ri a mhàthair gu robh esan a-nis air tighinn gu aois a bhith na chuideachadh dha mhàthair. Mar sin, le a cead agus ma bha i deònach, gu robh esan a' falbh gun dàil.

"Mas ann a' falbh a dh' iarraidh cosnaidh a tha thu," thuirt a mhàthair ris, "thèid thu a dh' ionnsaigh an tuathanaich agus 's dòcha gu faigh thu obair aigesan nad bhuachaille. Agus ma gheibh, cuimhnich a-nis nach tèid thu ro fhada air falbh leis a' chrodh; agus an uair a laigheas iad faodaidh tu tighinn dhachaigh greiseag. Ach mas ann aig na laoigh a bhios tu, cum do shùil orra agus na leig às do shealladh iad agus na dealaich riutha air na chunna tu riamh."

Leis a sin, fhuair e beannachd a mhàthar. Thog e air agus dh' fhalbh e. Cha robh e glè fhada air an t-slighe an uair a thachair seann duine gasda ris.

"Nach tu fhèin a th' air do dhòigh, a laochain," thuirt am bodach, "nach ann ort a tha am fonn! Càit a bheil dùil riut an-diugh?"

"Tha mi a' dol a dh' ionnsaigh an tuathanaich," fhreagair an gille, "feuch am faigh mi cosnadh aige."

"Ma tha," ars an seann duine, "bheir mise comhairle ortsa, agus gabh thusa mo chomhairle. Na gabh thusa obair ach far am faic thu an cat agus deagh bhian air. Sin mo chomhairle-sa dhutsa."

"Mòran taing dhuibhse," fhreagair an gille. "Cumaidh mise sin nam chuimhne, is mise gu dearbha a nì sin."

Lean e air gus an tàinig e gu abhainn a bha a' ruith tro ghleann. Thàinig e dhan abhainn le leum roid agus ann an tiotan bha e air taobh thall na h-aibhne. Lean e air an uair sin gus an do ràinig e taigh an tuathanaich. Leig bean an tuathanaich a-steach e agus cho luath 's a bha e a-staigh dh' iarr e cosnadh oirre.

"Iarr air na faoileagan 's air na feannagan e.
Iarr air an fhàd-bhuinn 's air ursannan an dorais e
Iarr air luchan an àrd-dorais e,
Agus mura faigh thu acasan e,
Iarr ormsa e," thuirt bean an tuathanaich.

Cha b' fhada gus an tàinig an tuathanach fhèin dhachaigh agus thug e obair anns a' bhad dhan bhalach na bhuachaille laoigh.

"Caidlidh tu air seid feòir ri taobh an teine," arsa bean an tuathanaich.

"Le cead agus ma tha sibh fhèin deònach," fhreagair an gille, "is fheàrr leamsa cadal air a' bheinge."

"Do thoil fhèin, ma tha," fhreagair ise, is i cho greannach. "Dèan an rud a thogras tu."

Bha an cat na thruaghan caol bochd air a' chagailte, agus e air a dhathadh na bhallan dubh is donn is buidhe. Chaidh an t-suipeir a chur air a' bhòrd, agus an cat bochd a' gearan agus ag iarraidh gun sgur. Cha d' fhuair e grèim ri ithe no balgam ri òl.

Sin mar a bha a h-uile feasgar. Bha an gille ri buachailleachd nan laogh o mhoch gu dubh a h-uile latha. Cha robh e a' faighinn dhachaigh a choimhead air a mhàthair, agus thàinig an cianalas air. Thug bean an tuathanaich an aire gu robh an gille air fàs tùrsach, brònach, muladach, agus dh' fhaighnich i dheth dè bha a' cur air. Dh' innis e dhi gu robh an cianalas air o nach robh e a' faighinn dhachaigh an-dràsda 's a-rithist a shealltainn air a mhàthair. Thug an tuathanach cead dha a dhol dhachaigh uair anns a' mhios, air feasgar Disathairne, agus e thilleadh tràth sa mhadainn Diluain.

An uair a bhiodh e a' dol dhachaigh Disathairne is ann a' coiseachd tron abhainn a bhiodh e, ach an uair a bhiodh e a' tilleadh à taigh a mhàthar madainn Diluain ghabhadh e an abhainn le a leum roid. Latha dhe na làithean, is e a' tilleadh do thaigh an tuathanaich tràth so mhadainn Diluain cò thachair ris ach an seann duine!

"Tha mi a' toirt an aire," thuirt an seann duine, "gu bheil thu a' dol a-null air an abhainn le do leum roid an uair a bhios tu a' tilleadh à taigh do mhàthar madainn Diluain ach gur ann a' coiseachd tron uisge a bhios tu a' dol dhachaigh feasgar Disathairne."

"Tha," fhreagair am buachaille, "tha sin ceart gun teagamh sam bith, oir chan eil lùths gu leòr annam gus leum roid a ghabhail a' dol dhachaigh."

"Ma tha," thuirt an seann duine, "bheir mise comhairle ort a-rithist agus feuch an ainm an àigh an gabh thu mo chomhairle an turas seo."

"Gabhaidh gu dearbha fhèin," fhreagair an gille, "is mise gu dearbha fhèin a nì sin; agus is mise a tha duilich nach do ghabh mi ur comhairle o thoiseach."

"Glè thràth sa mhadainn a-màireach, ma tha," thuirt am bodach, "bheir thu laogh a-steach dhan a' chidsin mun èirich duine a tha staigh agus bi a' dòrtadh cuinneag bhainne sìos na amhaich an uair a bhios bean an tuathanaich a' tighinn a-steach. Canaidh ise riut, 'Gu dè air an t-saoghal mhòr a tha a' dol an seo, agus gu dè as ciall da?' Agus canaidh tusa, 'Feumaidh an laogh a leòr bainne ma tha e dol a dh' fhàs mòr.'"

Seo dìreach an dearbh rud a rinn am buachaille làrna-mhaireach, dìreach mar a dh' iarr an seann duine air. Thuig bean an tuathanaich dè bha e a' ciallachadh agus a mach on latha sin fhuair gach duine anns an taigh, agus gach beathach a-muigh, gu leòr ri ithe.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Buachaille Laoigh

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)