Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mar a fhuair na h-Eòin-Mhara a' Chlòimhteach
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_021
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2357
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Mar a fhuair na h-Eòin-Mhara a' Chlòimhteach.

An uair a bha an saoghal òg bha na h-eòin-mhara a' gearan nach robh de chlòimhtich orra na chumadh blàth iad san Dubhlachd. Thàinig a' chùis gu aon-cheann, air chor 's gun chruinnich gach eun a shnàmhadh tonn is gach eun a bheireadh a lòn a cois na tuinne ann an aon àite airson gun dèante luim air gnè de chlòimhtich fhaotainn mun tigeadh am fuachd.

Sheas seann ghèadh còir a-mach is thuirt e, "Is ann on ghrèin a tha sinn uile a' faotainn blàths is beatha. Is fheàrr dhuinn trì cruinn a chur feuch cò na h-eòin air an tuit an crann is a dh'fhalbhas do chùirt na grèine a dh'iarraidh na clòimhtich."

Thuit an crann air tunnaig, air faoileig, is air sgarbh. Dh'fhalbh iad, na trì eòin, sgarbh, lach is faoileag. An uair a ràinig iad an ceann-uidhe, bha e cho fada air adhart anns an fheasgar is gun robh a' ghrian a' dol fodha anns a' chuan. Dh'innis na teachdairean an gnothach gu h-aon-sgeulach.

Thuirt a' ghrian riutha mar seo, "Chan eil ùine agamsa a-nochd gus cobhair a dhèanamh oirbh, ach ge be cò an t-eun as moiche dh' èireas sa' mhadainn is a chuireas fàilt ormsa an uair a bhitheas mi ag èirigh as an uisge, sin an t-eun as motha a gheibh de chlòimhtich."

Cha robh air sin ach sin fhèin. Chaidh a' ghrian gu grad à sealladh. Dh'fhan na trì eòin far an robh iad an oidhche sin air gob rudha faisg air làimh. Thuirt an sgarbh is an fhaoileag ri chèile gum fanadh iad nan caithris airson gum bitheadh iad cinnteach gun rachadh aca air fàilte chur air a' ghrèin cho luath 's a bhiodh i a' togail a cinn os cionn sàile.

Cha d'thuirt an tunnag guth ach chuir i a ceann fo a sgèith is chaidil i. Cho luath 's a mhothaich a companaich dha seo thuirt an dàrna h-aon ris an aon eile, "Nach fhaic thusa an òinseach ud, a' dol a chadal an uair bu chòir dhi fuireach na dùisg! Bidh a' bhuil ann, cha bhi ann dhi-se ach turas gun bhuannachd."

Co-dhiù no co-dheth, chaidh aig an fhaoileig 's aig an sgarbh air an sùilean a chumail fosgailte air èiginn a' chuid bu mhotha den ùine ... ach mu dheireadh thuit an sgarbh na chadal, no throm shuain. Bha an fhaoileag a nis air an fhaire na h-aonar. Ghlas an latha is thòisich rudhadh ri tighinn san àird' an ear. Shaoil leis an fhaoileig gun robh a' ghrian air èirigh is thòisich i ri goilearaich leis an toileachadh. Dhùisg i an lach.

"Seall," ars an fhaoileag, "tha a' ghrian air èirigh."

"Bi sàmhach, a ghorag," ars an tunnag, "tha greis mun èirich a' ghrian fhathast."

Thòisich an lach air i fhèin fhailceadh is a chlòimheadh is a dheisealachadh gu fàilte chur air a' ghrèin. Sùil dan tug i bha an fhaoileag air tuiteam na cadal. Bha an t-adhar san ear air dreach an òir is a' ghrian gu glòrmhoir air an uisge. Chuir an lach fàilte is furan oirre. Thug a' ghrian dhi de chlòimhtich na dh'fhòghnadh dhi fhèin is a ginealaich.

Rinn an tunnag mòr-ghàirdeachas is dhùisg i an sgarbh. Thug a' ghrian chòir dha a chuibhreann math de chlòimhtich. Dhùisg an fhaoileag. Cha do dh'fhàg a' ghrian falamh i. Fhuair na h-eòin a' chlòimhteach a-rèir mar a rinn iad a' mhoch-èirigh is tha clòimhteach nan eun-mara air a roinn mar sin gus an latha an-diugh.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mar a fhuair na h-Eòin-Mhara a' Chlòimhteach

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)